"Gach smuain
a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5
An Deargan-Doirionn Lasrach, NCG 2024. Ìomhaigh Atlais (no
mosèic de ìomhaighean Atlais) air fhaighinn mar
phàirt den Two Micron All Sky Survey (2MASS) ,
co-phròiseact Oilthigh Massachusetts agus Ionad Giullachd
Fho-dheirg is Ainilis/Institiud Teicneòlas Chalifornia,
maoinichte leis an Rianachd Nàiseanta Fànais is
Siubhal-Adhair (NASA) agus le Bunait Nàiseanta an t-Saidheins.
(OBAIR FO LÀIMH!)
(Cha bhi anns na leanas
ach a' chiad chaibideil den leabhar " Starlight and Time
" le Russell Humphreys, ach bheir a' chaibideil seo gun
teagamh deagh thuigse dhut air a phriomh theoiric)
Reul-sholas agus Tìm le
D.Russell Humphreys , Ph.D.
A' Fuasgladh "Ceist Nach Gabh Fuasgladh".
Uair sam bith a bhruidhneas mi air na th'ann
de dhearbhaidhean deimhneach às leth cruitheachd òig,
bithidh aon cheist bho dhaoine a' sìor togail ceann, se sin
"Ma tha an cruinne-ce cho òg sin, dè as adhbhar
gum faicear solas bho reultan a tha barrachd air 10,000 bliadhna-solais
air falbh?". Se th'ann am bliadhna-solais ach an t-astar a shiubhlas
solas ann am bliadhna aig
luas an là 'n diugh, se sin mu dheich trillean cilemeadair.
(Trillean Ameireaganach =1,000,000,000,000. - An Deasaiche)
Gabh, mar eisimpleir, na h-
oibseagan iomallach as trice a ghabhas fhaicinn san iarmailt le reuladairean - se sin reultrathan (no
galagsaidhean).Tha reultrathan nan dòmhlachdan mòra de
rionnagan, mar as trice mu100 billean dhiubh, 's iad is
dòcha100,000 bliadhna-solais bho cheann gu ceann. Tha timcheall
air 100 billean reultra a ghabhas fhaicinn leis na prosbaigean as
fheàrr againn. Tha cruth glè àbhaisteach air an
reultra againn fhìn - Slighe Chloinn Uisnich, no Geal-shruth nan
Speur, (Beurla - "The Milky Way").
Thathar a' saoilsinn gu bheil reultra a tha na "dhlùth"
nàbaidh dhuinn, M31 ann an Andròmada,
cho fada air falbh 's gun gabhadh solas a shiubhlas aig luas an
là 'n diugh timcheall air dà mhillean bliadhna mas
ruigeadh e oirnn. Leis an luas ud, mas ann eadar sia is deich
mìle bliadhna dh'aois a tha an cruinne-ce, is gann gu robh a'
chiad sholas bho Andròmada air fiù 's pìos beag
bìodach de a shlighe gu ruige an talamh a shiubhal. Gidheadh sa
leth-chruinne mu Thuath chì
neach-caithris nan reul le gloin-achaidh
e.
Sa leth-chruinne mu Dheas is urrainn do dhaoine ar
reultrathan-nàbaidh as fhaisge - an dà neul Magellanach -
fhaicinn leis an t-sùil lom. Ach thathar a' creidsinn
gu bheil iad timcheall air 100,000 bliadhna-solais air falbh.
A-rèir coltais tha an reultra as fhaide air falbh a chunnaic
reuladairean gu ruige seo mu thuaiream 12 billean bliadhna-solais air
falbh bhuainn. Mas ann òg a tha an cruinne-cè, bidh
daoine a' faighneachd, dè as còireach gu bheil sinn a'
faicinn solas bho oibseagan a tha cho fad às sin?
Bithidh cuid de
neo-eòlaichean , 's iad a' cnuasachd a' chuspair a tha seo,
fo amharas gur dòcha gu bheil tomhasan-astair nan reuladairean
air iomrall gu mòr. Cha chreid mi gu
bheil. Tha dusain dhòighean aig reuladairean air a leithid de
astaran annaladh , 's
iad uile an coitcheannas a' tighinn a rèir a chèile. Tha
mòran de ne dòighean air an stèidheachadh air
barailean glè
reusanta mu mheud no mu shoirche an reultra air fad. Air an adhbhar
sin, tha mi cinnteach gu leòr gu
bheil na h-astaran mòra gu ìre mhath ceart,
co-dhiù an taobh a-staigh factar den a dhà no mar
sin. Agus co-dhiù no co-dheth, chan eil e furasda thuigsinn
ciamar a nì ceartachadh mhearachdan sa h-uile
dhòigh-obrach ud lùghdachadh, can, bhon dusain billean
bliadhna-solais roi-ainmichte shuas gu ruige deich mìle
bhliadhna-solais. Mar sin se dubh-cheist dha-rìribh a th'ann an
seo,
agus tha fuasgladh a dhìth oirre.
Air tàilleamh teisteanas an
Sgriobtair agus cuideam dhearbhaidhean eile a nì taic do
chruitheachd òig, tha
cruitheachdairean òg-thalmhainn air na h-uimhir de
theòiricean fheuchainn gus mìneachadh a dhèanamh
air ciamar am biodh solas bho reultrathan iomallach a' ruighinn oirnn
an taobh a-staigh 10.000 bhliadhna. Chan eil iad air a bhith
soirbheachail gu ruige seo. Bho 1985 a-mach tha mi air a bhi ag obair
air teòiric ùr los mìneachadh a dhèanamh
air a' cheist seo agus air feinemein mhòr-sgèileach eile
sa
chosmas, mar sioftan dearga san t-solas bho reultrathan cèine
agus mar chùl-rèidiachd
mhion-thonnach chosmach.
Fhuair dà
phàipear agam air a' chosmeòlas
ùr òg-thalmhainn seo (a chuireas
an aghaidh a' Bhraig
Mhòir ), lèirmheas-seise
math dha-rìribh aig an Treas Co-Labhairt Eadar-Nàiseanta
air Cruitheachdas (ICC). Se cuspair air leth iomfhillte is
caol-chùiseach a th'anns a' chosmeòlas, ach nì mi
mo dhìcheall mìneachadh simplidh a thoirt seachad an seo.
Bithidh
Iomtharraing a' Fiaradh Tìme
Sa chiad dol a-mach bheir mi seachad
geàrr-chunntas air na tha romhainn. Bithidh mo theoiric a' cur Teoiric Dàimhealachd Choitchinn Einstein
gu feum, an teoiric iomtharraing as
fheàrr a th'againn an diugh. Tha dàimhealachd choitcheann
air a dheagh stèidheachadh gu
pròbhail , agus se bunait
nàdar-fheallsanachail chosmeòlasan uile an là
'n diugh a th'innte. A rèir Dàimhealachd Choitchinn
tha buaidh aig iomtharraing air tìm . Mar
as àirde os cionn na mara a tha gleocaichean sann as
luaithe bu chòir dhaibh a bhith a' gluasad - agus tha
rannsachadh a' dearbhadh na buaidhe a tha seo. Canaidh cuid
sìneadh-tìme iomtharraingeil ri seo. (Feumar
dealachadh a dhèanamh eadar sin agus an
sìneadh-tìme "luais" air a bheil daoine nas
eòlaiche, 's a tha stèidhichte air Teoiric
Dàimhealachd Shònraichte Einstein.)
Mar eisimpleir bithidh
gleoc dadamach sa Speurlann
Rìoghail ann an Greenwich, Sasainn, a' diogadaich còig meanbh-tiotan nas slaodaiche sa bhliadhna
na gleoc co-ionnan aig Biùro Nàiseanta nan Slatan-tomhais
ann am Boulder, Coloràdo, 's an dà ghleoc pongail
gu faisg air aon mheanbh-tiota sa bhliadhna. Thèid an dearbh
dhiofar-tìme a tha seo a ro-innse le
teoiric na dàimhealachd choitchinn aisonr eadar-dhealachaidh de
aon mhìle a dh'àirde (Daoigream 1).
Dè an gleoc a tha sealltainn na h-uarach "ceart"? Tha
an dà chuid - a rèir an frèama tar-iomraidh fa leth aca. Chan
eil bho seo a-mach dòigh ann gu
bhi cantainn dè an "luas" ceart a tha aig tìm - tha e an
eisimeil buileach air càit a bheil thu an coimeas ri
raon-iomtharraing . Tha iomadach seòrsa de
phròbhaidhean nas mionaidiche air sìneadh-tìme
iomtharraingeil a dhearbhadh gu pongalachd nas fheàrr na aon sa
cheud (1%) - tha a' chùis ceart
dha-rìribh!
Tha luas a h-uile pròsais chorparra fon bhuaidh a tha seo
- an talamh a' cur car fod chasan, cnàmhadh nan niuclasan dadamach am
broinn do chnàmhan, dè
cho luath 's a dh'fhàsas tu aosd, diogadaich an uaireadair air
caol do dhùirn, agus luas nearbh-spreagaidhean t'eanchinn. Is ciall dha seo
nach bi mothachadh air a' bhuaidh seo gu h-ionadail. As bith dè
na tomhasan a ghabhas a dhèanamh aig aon àirde (os
cionn na mara) cha bhi a' bhuaidh a' tighinn am follais, a chionns gum
bi an dearbh mhaille sin an sàs sa h-uile nì aig
an àirde ud. Dh'fheumadh tu aire a thoirt air gleocaichean
aig àirdean eadar-dhealaichte mus gabhadh an diofar fhaicinn.
Sia Gnàth-làithean Talmhaidh
Tha an cosmeòlas ùr seo a'
sealltainn gum biodh buaidh aig fiaradh-tìme iomtharraingeil air
a' chruinne-cè
thràth. Bu chiall leis a bhuaidh seo gum biodh billeanan de
bhliadhnachan ri fhaighinn airson solas a bhi siubhal dhan talamh,
fhads nach deach
seachad ach a-dhà no trì là air an talamh
fhèin.
Tha e fhathast a' ciallachadh gun do rinn Dia na nèamhan agus an
talamh (se sin an cruinne-cè slàn) ann an sia
gnàth-làithean, o-chionn beagan mhìltean de
bhliadhnachan. Ach an lùib Teoiric na Dàimhealachd
Choitchinn tha fhios againn an dràsda gum feum sinn faighneachd
- dè an gleoc a tha sinn a' cleachdadh a dhèanamh
tomhais air na sia làithean a tha seo? Dè
am frèama tar-iomraidh? Tha matamàtaig an teoiric
ùir a' sealltainn gu bheil pailteas ùine ann, fhads a
nì Dia an cruinne-cè ann an sia làithean sa
frèama tar-iomraidh talmhaidh ("Tìm Bhun-tomhasach
Thalmhaidh" ma thogras tu), a cheadaicheas solas sa frèama
às-thalmhaidh (se sin taobh a-muigh na talmhainn) a bhith
siubhal na h-astaran a tha dhìth.
Cha chanar gur e "Tìm Dhè" a th'ann am fear seach fear de
na frèamaichean-tìme tha seo, bhon a tha an Cruithear, a
dh'fhoillsicheas a' chrìoch bhon tùs (Isaiah 46:10, Taisb
22:13, Eòin 8:58, agus tuilleadh), taobh a-muigh na tìme.
Se th'ann an tìm ach feart cruthaichte den chruinne-cè
Aige, coltach
ri damhnadh (no "stuth") agus fànas. Tha e inntinneach gun tug
Dàimhealachd Choitcheann fa-near dhuinn o-chionn fhada gu robh
tùs aig Tìm.
Is dòcha gun saoilear gu bheil dòigh-obrach gu math
"cruthachail" a dhìth mas nochd toradh cho iongantach, ach gu
h-inntinneach tha an toradh seo "a' tuiteam a-mach" à
cothromaidean na Dàimhealachd Choitchinn (an dearbh innealra
matamàtaigeach a thathar a' cleachdadh a ghintinn teoiric a'
Bhraig Mhòir) a cheart cho nàdarra
's a tha am Brag Mòr "a' tuiteam a-mach". Ciamar, ma-tha, an tig
dà chosmeòlas cho buileach diofraichte às an aon
mhatamàtaig? Is e cnag na cùise gu bheil dà
thùs-phuing dhiofraichte gan cleachdadh - is e sin dà
roi-bharail a tha gu tur saor-bheachdail, mar a chì sinn. Ach
mus tuig sinn an cosmeòlas cruitheachdach a tha seo feumaidh
barrachd tuigse a bhi againn air teoiric a' Bhraig Mhòir.
Nìthean Nach bi Teoiricearan a' Bhràig Mhòir
a' Cantainn Riut
Chan eil fios aig a' mhòrchuid de neo-eòlaichean (no gu
dearbh aig a' mhòrchuid de shaidheantairean nach eil
uidheamaichte ann an cosmeòlas) gu bheil teoiricearan a'
Bhràig Mhòir a' creidsinn ann an cruinne-cè gun
chrìochan, gun oir, gun bhuillsgean.
Ann an inntinn a' chuid as mò de dhaoine tha dealbh den Bhrag
Mhòr coltach ri Figear 2a, mar bhall stuth a' dol am meud ann am
fànas
- ach ma bha sin ceart bhiodh crìochan aig a'
chruinne-cè.
Chan ann mar sin a bhios na h-eòlaichean a' faicinn a'
ghnothaich. Is fheàrr leò an roi-bharail nach eil oir
sam bith air an fhànas 3-thoimhseach sa bheil sinn
beò - no air na tha am broinn an fhànais (Figear 2b).
(Faic, mar eisimpleir, teacs air a bheil
fo-cheumnaich oilthigh gu math eòlach, sgrìobhte leis a'
chosmeòlaiche
Edward R. Harrison, Cosmology: The Science of the Universe, Cambridge
University
Press, 1981, gu h-àraid tt-dd 106-107.)
Gu bunaideach, tha dà innse air cosmeòlas a' Bhraig
Mhòir. Se an t-innse as cumanta an riochd finideach (no
crìochnach)
BEAG-FHACLAIR
deargan-doirionn - nebula (Till
)
oibseagan - objects (
Till )
reuladairean - astronomers ( Till )
Geal-shruth nan Speur - Milky Way
neach-caithris nan reul - stargazer ( Till )
gloin-achaidh - binoculars (
Till )
neo-eòlaichean - laypeople (Till )
annaladh - compute/calculate (
Till )
cruitheachdairean òg-thalmhainn
- young-earth creationists (
Till )
feinimein mòr-sgèileach -
large-scale phenomena (
Till )
cùl-rèidiachd mhion-thonnach
chosmach - cosmic background radiation (
Till )
atharrach -alternative (
Till )
Brag Mòr - Big Bang (
Till )
lèirmheas-seise - peer-review (
Till )
Treas Co-labhairt Eadar-naiseanta air
Cruitheachdas - Third International Conference on Creationism
Teoiric Dàimhealachd Choitchinn - General
Theory of Relativity (
Till )
Teoiric
Dàimhealachd Shònraichte - Special Theory of Relativity
(Till)
iomtharraing - gravity (
Till )
gu pròbhail - experimentally (
Till )
nàdar-fheallsanachail - pertaining to
physics (
Till )
cosmeòlas - cosmology (
Till )
sìneadh-tìme iomtharraingeil - gravity time dilation (
Till )
sìneadh-tìme luais -
velocity
time dilation (
Till )
gleoc dadamach - atomic clock (
Till )
speurlann - observatory (
Till )
meanbh-tiotan - microseconds (
Till )
ro-innse - predict (
Till )
frèama tar-iomraidh - frame of
reference ( Till )
raon-iomtharraing - gravitational field ( Till )
cnàmhadh - decay (Till
)
nearbh-spreagaidhean - nerve impulses (Till )
fiaradh-tìme iomtharraingeil - gravitational time
distortion
saor-bheachdail - arbitrary
Ma tha thu airson comhairle neo
ceartachadh a thoirt dhomh a-thaobh gràmair neo briathran
nua-chumte, neo ma tha thu airson sgrìobhadh agad fhèin
neo eadar-theangachadh agad fhèin de theacs Ath-leasaichte a
bhith foillsichte air an làrach-lìn seo, nach cuir thu
fios chugam, Fearghas MacFhionnlaigh , aig

Air ais dhan
Phrìomh-Dhuilleig Roghnachaidh