"Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)


Bunaitean Feallsanachd Chrìosdail.

(Eadar-theangachadh air an leabhar “An Introduction to Christian Philosophy” le J.M. Spier)

Caibideil 1:
"Dè th'ann am Feallsanachd Chrìosdail?"

Pàirt 6:
Tùs-phuing agus Ceann-uidhe na Feallsanachd

     Se th'ann am feallsanachd ach lèir-smaoin saidheansail thairis air a' chosmas air fad. Bhon a tha feallsanachd fhèin na pàirt den chosmas, bheir i sùil mhionaideach oirre fhèin cuideachd. Feumaidh feallsanachd fèin-sgrùdadh a dhèanamh agus a' cheist a fhreagairt: "Dè tùs-phuing agus ceann-uidhe obair na feallsanachd?" Tha a' cheist seo a' faighneachd: "Càit am faigh feallsanaiche puing dhaingnichte a bheir sealladh iomlan aige/aice air a' chosmas na eugsamhlachd is na cho-leanailt uile?"

     Chan ionnan ceist mu sheòl saidheansail agus ceist mu thùs-phuing. Chan eil ceist mu sheòl saidheansail ("Càit an tòisich sinn ar cuid rannsachaidhean?") ach na ceist den darna ìre. Sann a tha sinn a-mach an dràsda air prìomh-cheist a bhuineas ri ro-bharailean ro-saidheansail an neach-saidheans. Tha sinn ag iarraidh fios a bhith againn dè a' phuing air an seas am feallsanaiche ach am faigh e/i sealladh iomlan air a' chosmas le dearbh-bheachd gu bheil a chuid rannsachaidhean fìor seach a bhith nan saobh-smaointean a priori.

     An ann à freumh neotrail neo-phàirteil a dh'fhàsas feallsanachd? An ann à Smaoin saidheansail fèin-fhoghainteach a dh'èireas i? No an ann à doimhneachdan creidmheach ar bitheachd leth-bhreitheach a nochdas i? Thig tùs-phuing na feallsanachd, ris an can Dooyeweerd "puing Aircimìodais" (1) às na dòimhneachdan creidmheach againn. Ma thathar airson sealladh cothromach fhaighinn air fearann feumar àite àrd a lorg bhom faicear na buailtean 's na lòintean. As aonais a leithid a sheallaidh chan fhaighear ach lèirsinn cam air na h-achaidhean agus mar a bhuineas iad ri chèile. Ach chan urrainn dhuinn seasamh taobh a-muigh dhinn fhèin. Chan fhaod an "tùs-phuing" a bhith sgaraichte bhuainn fhèin, bhon a dh'fheumas i bhith cuideachd tùs-phuing na feallsanachd sa bheil sinn an sàs. Agus gu nàdarra chan urrainn dha duine sam bith falbh is seasamh taobh a-muigh dheth fhèin. Gidheadh, is fheudar dha puing Aircimìodach a bhith ag èiridh os-cionn eugsamhlachd a' chosmais gus binneag àrd a thoirt dhuinn a leigeas leinn beachd-smaoineachadh coileanta a dhèanamh air a' chosmas seo. Chan fhaigh cuideigin a sheasas air talamh còmhnard sealladh iomlan air an fhearann.

     Chan fhaighear a leithid de phuing Aircimìodach ach ann an cridhe no anam an duine.  As a' chridhe, canaidh an Sgriobtair, "tha sruthan na beatha" (Gnàth-fhacail 4:23). Is e an cridhe puing cho-chruinneachaidh, freumh creidmheach ar bìtheachd daonna gu lèir. Sann às-san a dh'èireas ar gnìomhan, ar smaointean, ar faireachdainnean agus ar miannan uile. Nar cridhe bheir sinn seachad freagairt dha na ceistean as doimhne 's as deireannaiche, agus sann nar cridhe a shocraichear ar dàimh ri Dia. Bidh ath-ghineamhainn (se sin ath-nuadhachadh a' chridhe leis an Spiorad Naomh) gar tionndadh gu Crìosd agus ag ath-threòrachadh a' chridhe bho cheum dia-àicheanach is air ais gu Dia. Chan ionann cridhe no anam an duine agus fear seach fear de fheartan ar beatha mar a tha "faireachdainn" no "creidimh. Tha e nas doimhne na feart-beatha sam bith, bhon a bhios mac-an-uine ag èiridh (na cho-bhoinn ri Dia) os-cionn an domhain cruthaichte air fad (2). Se an cridhe a' phuing far an tig beatha uile an duine cruinn còmhla, far an socraich duine a dhàimh ri Dia. Cha ghabh mìneachadh bun-bheachdail saidheansail den chridhe thoirt seachad a-chionns, mar chruinn-ionad ar bitheachd gu lèir, se an cridhe an ro-bharail (cruthaichte) as doimhne de ar cuid smaointean cuideachd. Chan urrainn dhuinn ach ath-aithris a dhèanamh tro chreidimh air na dh'fhoillsich Dia dhuinn na Fhacal a-thaobh buillsgean ar beatha.(3)

     Chan urrainn dhan chridhe daonna a bhith neo-phàirteach idir. Tha gràdh aige air Dia air neo tha e nàimhdeil Dha. Tha e ath-nuadhaichte air neo tha e fhathast a' cur às àicheadh Dhè. Tha an cridhe a' buntainn an dàra chuid ris a' chinne-dhaonna ùr fuasgailte no ris an "t-saoghal", àireamh iomlan nan neo-chreidmheach.

     Mar sin, se tùs-phuing feallsanachd Crìosdail cridhe ath-ghinte a' chreidmhiche. Na chridhe bidh an creidmhiche a' gabhail compàirt ann an Taisbeanadh Dhè ann an Crìosd. Tha an Crìosdaidh naisgte na chridhe - buillsgean a bheatha - ri Facal Dhè. Air tàillibh sin tha Facal Dhè suidhichte an teis-mheadhan a bheatha air fad agus feumaidh smachd a bhith aig Facal Dhè air a chuid obrach saidheansail. Sann anns an dòigh seo a-mhàin a dh'fhaodas saidheans Crìosdail seirbhis a thoirt seachad do Dhia agus Rìoghachd Chrìosd a leudachadh.

     Chan e gnìomh teòiriceach a th'ann an taghadh puinge Aircimìodaich. Tha e dol thairis air saidheans agus tha e tighinn air thòiseach air gnìomh saidheans sam bith. Se gnìomh chreidimh a th'ann, taghadh seasaimh a shuidhicheas bhon chiad dol a-mach dàimhealachd ar feallsanachd ri Dia. Mar thoradh air a tùs-phuing, tha feallsanachd freumhaichte ann an creideamh, ann an seirbhis Dhè le ar cridhe uile. Chan eil feallsanachd stèidhichte air diadhaireachd (dia-eòlas) no saidheans speisealta sam bith eile, no air smaoin teòiriceach mar nì àrd-uachdaranail. Tha i steìdhte air creidimh agus tha creidimh a' gabhail a-steach beatha gu lèir mhic-an-duine.

     Chan eil na thuirt sinn an-dràsda a' buntainn ri feallsanachd Chrìosdail a-mhàin, ach tha e a-cheart cho fìor an taic feallsanachd neo-Chrìosdail. Se an cridhe tùs-phuing na feallsanachd neo-Chrìosdail mar an ceudna, ach se cridhe a th'ann nach eil a' gabhail compàirt ann an Crìosd Dhè. Tha aice mar thùs-phuing anam a dhruideas e-fhèin a-mach (tro mhì-chreidimh) bho Thaisbeanadh Dhè ann an Iosa Crìosd, agus a tha dia-àicheanach a-rèisde. Bidh an cridhe dia-àicheanach a' sìreadh fois is tèarainteachd ann an creutair sam bith den dèan e dia. Bheir sinn an aire, ge-tà, gum bidh feallsanachd neo-Chrìosdail gu math tric a' diùltadh a tùs-phuing chreidmheach (se sin iodhal-chreidmheach) aideachadh. Tha Dooyeweerd a' toirt fa-near dhuinn gun sgìos gum bheil an diùltadh seo a' dearbhadh caractar neo-chriticeach na feallsanachd neo-Chrìosdail, a dh'àindeoin cho pròiseil 's tha i gu bheil i criticeach gu cùl. Tha feallsanachd neo-Chrìosdail neo-chriticeach nuair a dhiùltas i aire ionraic a thoirt air cuibhrichean na feallsanachd.

     Air cho lìonmhar 's a tha na diofaran eadar siostaman eugsamhla na feallsanachd neo-Chrìosdail, bidh iad fo aonta air aon phuing co-dhiù. Se sin bidh iad a' dèanamh a-mach gur ann am broinn smaoin saidheansail fìor-ghlan a fhuair iad a' phuing tòiseachaidh aca. Air tàillibh seo tha gach siostam den bheachd gu bheil e oibseigeil, se sin gu bheil creideasachd uile-choitcheann aige, neo-eisimeil air pearsa an smaointeir agus air seasamh a' chridhe.

     Ach ma tha neach-eigin airson puing-seasaimh am broinn smaoin saidheansail a thaghadh, feumaidh a smaoin a bhith an tòiseach air àrdachadh os-cionn eugsamhlachd a' chosmais uile (gus sealladh air iomlanachd a' chosmais fhaighinn). Is ionann àrdachadh aogas an domhain agus dia a dhèanamh den aogas ud. Mar seo, tòisichidh feallsanachd neo-Chrìosdail le bhith diadhachadh aogas-domhain (no roinn den bheatha), leis an toradh gum faicear ann an solas cearr chan e a-mhàin dàimhealachdan taobh a-staigh a' chosmais, ach an dàimh cuideachd a tha eadar an cosmas agus an Cruithear. Uime sin chan eil e comasach do fheallsanachd neo-Chrìosdail an tulfhìrinn a ruigsinn. Na dhoimhneachdan, se gnìomh a' chridhe dhaonna a th'ann absalaid (tulfhìrinn neo-eisimeil) a dhèanamh de smaoin saidheansail mar seo. Se gnìomh dia-àicheanach a th'ann. Mura lorg cridhe a fhois ann an Crìosd, lorgaidh e i ann an rud cruthaichte (reusan) agus crìochnaichidh seo mar bhrèig.

     Feallsanachd sam bith a thòisicheas aig puing nach tèid thairis air an eugsamhlachd chosmaich, ach a tha an sàs ann, gairmidh sinn feallsanachd-imeanachd (bho "immanence" = "a' gabhail còmhnaidh a-staigh"). Tha reusan an duine a' buntainn ri eugsamhlachd cosmach. Sann a-mhàin na chridhe a thèid duine thairis air eugsamhlachd an domhain. Sann a-mhàin am broinn a' chridhe a lorgar puing fhìor-Aircimìodach na feallsanachd.

     Tha Dooyeweerd a' leudachadh air a' phuing seo na Encyclopaedie der Rechtswetenschap. Leis an fhìrinn a ràdh chan eil e buileach ceart a chantainn gu bheil tùs-phuing na feallsanachd na laighe am broinn cridhe an duine fa leth. Chan eil tùs-phuing na feallsanachd antrapeòlach a-mhàin, ach cosmeòlach. Se puing a th'innte far am faicear bitheachd dhaonna is bitheachd chosmach nan làn-eisimeileachd air prìomh-thùs sìorraidh nan uile nithean. Agus bhona dh'fheumas am feallsanaiche compàirt a ghabhail san tùs-phuing seo, cha tuigear i ach mar chomann creidmheach a' chinne-dhaonna. Gidheadh, bhon Leagadh agus bho obair-saoraidh Chrìosd a-mach, tha bun-sgaradh do-rèite air èirigh am broinn a' chomainn chreidmich bhunasaich seo. Tha ainteis creidmheach ann am beatha mhic an duine. Air an aon làimh nì gnìomhachd dhaonna strì urram is glòir Dhè a thoirt gu buil, 's tha i air a stiùireadh le Spiorad Chrìosd is le Facal Dhè, agus air an làimh eile bidh dia-àicheanachd a' dorchachadh na fìrinn. Tha am bun-sgaradh no ainteis seo an làthair chan ann a-mhàin ann an cridhe gach creidmhiche, ach cuideachd na obraichean uile. Nochdaidh e ann an gach raon den bheatha, ann am feallsanachd agus ann an saidheans cho math ri gach oidhirp cultarach eile an duine. Tha feallsanachd-imeanachd neo-Chrìosdail stèidhichte air creidimh, ged a thèid a luchd-leanmhainn as àicheadh seo. Agus is comannach an seasamh creidmheach seo, seach seasamh duine fa leth.

     Tha rudeigin againn fhathast a ràdh mu cheann-uidhe na feallsanachd. Bidh ceann-uidhe aig gach neach a tha gnìomhach. Agus mur eil feallsanachd gun bhrìgh bidh ceann-uidhe aice mar an ceudna. Bhon a tha feallsanachd stèidhichte air creidimh, leanaidh i mar cheann-uidhe fear seach fear den dà chùrsa a tha riochdaichte le dà stàit a' chridhe dhaonna. An dara chuid tha i air a h-ath-nuadhachadh (ann am prionnsabal) le Crìosd agus comas aice a bhith a' leantainn ri Dia. No cùmaidh i oirre na dia-àicheanachd agus leanaidh i oirre air falbh Bhuaithe.

     Bidh feallsanachd Chrìosdail a' taghadh a dh'aona-ghnothach Crìosd, Freumh is Ath-nuadhair na cruitheachd uile, mar a ceann-uidhe. Is airidh an t-Uan a chaidh a mharbhadh air moladh is urram is glòir fhaotainn bho shaidheans is bho fheallsanachd cuideachd (Taisb 5:12). Bidh Crìosd ag ath-nuadhachadh na feallsanachd mar dhuan-molaidh ri Dia. Feumaidh feallsanachd cuimse dhèanamh air na tha os a cionn fhèin - se sin, Air-san a tha na Phrìomh-thùs de na h-uile nithean. 

     Tha feallsanachd-imeanachd a' togail oirre a dh'ionnsaigh ceann-uidhe cuideachd. Ach mar thoradh air a tùs-phuing trèigidh i Dia agus Crìosd. Sìridh i, mar eisimpleir ann an daonnachas (creud-an-duine), urram an duine àrd-uachdaranail. Canaidh Dooyeweerd "idèal na pearsantachd" ri seasamh seo na smaoine daonnachail (duine-chreudail). Tha idèal na pearsantachd seo air a bhith gu math follaiseach ann am feallsanachd bho Linn an Ath-bheòthachaidh. Sa chiad dol a-mach bha feallsanachd nuadh-aimsireil airson àrd-uachdaranachd mhic-an-duine a thoirt gu buil le bhith a' leantainn idèal an t-saidheans (Descartes, Hobbes, is feadhainn eile). Bhathar a' saoilsinn gum biodh comas aig an duine a bhith riaghladh an t-saoghail le saidheans uile-chumhachdach. Ach an cois diadhachadh an t-saidheans thàinig ìsleachdadh mac-an-duine, oir chaidh e na dhadam suarach sa chruinne-cè mhòr. Agus bha seo do-ghiùlan airson an duine. Mar sin dh'iarr e air saidheans a chuibhreachadh ri nàdar faicsinneach (Kant), a' fàgail riaghladh oighreachd na làn-saorsa mòralta co-dhiù aig mac-an-duine neo-cheannsaichte. Tha sìor chòmhstri am broinn dhaonnachais/creud-an-duine eadar idèal an t-saidheans is idèal na pearsantachd, còmhstri sam faigh greis mu seach, a-rèir coltais, gach taobh làmh-an-uachdair. Agus cha tig a' chòmhstri seo am broinn feallsanachd-imeanach gu crìch, do bhrigh gu bheil an cridhe daonna neo-fhoisneach gus am faigh e fois ann an Dia.

(1) Bha Aircimìodas na nàdar-fheallsanaiche a bha beò mu 250 RC. Thàthar a ràdh gun duirt e: "Thoir dhomh puing dhaingnichte agus caraichidh mi an saoghal".

(2) Tha caochla sheaghan aig am facal cridhe ann an Sgriobtair. Seach a sheagh litireil (ball-cuirp) agus a sheagh samhlachail, mar eisimpleir "cridhe na mara", thèid am facal cridhe a chleachdadh sna dòighean a leanas:

a) Is ciall dha beatha as fhaide a-staigh an duine. Sa chùis seo nithear mar as trice coimeas ri rudeigin air an taobh a-muigh, mar aodach agus faclan. (Ioel 2:13 is Ier 29:13)
b) Is ciall dha tobar na beatha daonna. (Ier 4:18)
c) Is ciall dha cùl-raon ar cuid smaointean. (Ecs 28:10)
d) Cùl-raon a h-uile ghliocais is reusain. (Salm 90:12)
e) Cùl-raon ar faclan is ar gnìomharan. (Mata 12:34, 15:19)
f) Cùl-raon ar faireachdainnean.(Gnàth-Fh 15:13)
g) Agus tobar a' pheacaidh. (Gen 8:21)
h) Tha e air a riochdachadh mar an ionad as doimhne de ar bìth tìmeil uile. Bidh obair ath-nuadhachail Spiorad Dhè a' gabhail àit ann nuair a chreideas neach. (Salm 51:12)
     Tha seaghan eadar-dhealaichte an fhacail cridhe a' nochdadh teagasg a' Bhìobaill gur ann as a' chridhe a tha sruthan na beatha. (Gnàth-Fh 4:23)

3) Sgrìobh FW Grosheide, na Cho-aithris air an Tiomnadh Nuadh , "Is e an cridhe buillsgean na beatha uile". San aon dòigh tha S Greijdanus ag ràdh gur e "buillsgean uile-smachdail, as fhaide a-staigh, de ar bìtheachd" a th'anns a' chridhe. Tha e cùmail a-mach gu bheil smachd aig a' chridhe thairis air ar smaoineachadh, air ar toil, agus air ar cur-an-gnìomh dhan ìre as iomlaine. Faic cuideachd obair an Oll. FH Meyerfeldt: Het hart in het nieuwe Testament , td 196 (Tràchdas, Oilthigh Saor 1950). 




Air ais