"Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)


Bunaitean Feallsanachd Chrìosdail.

(Eadar-theangachadh air an leabhar “An Introduction to Christian Philosophy” le J.M. Spier)

Caibideil 1:
"Dè th'ann am Feallsanachd Chrìosdail?"

Pàirt 5:
Feallsanachd agus ar Gnàth-eòlas

     Mar as trice tuigear am briathar "gnàth-eòlas" mar fhèin-fhiosrachadh a bhuineas ri tulfhìrinn nìtheil ar beatha làitheil anns a bheil comann againn còmhla ri daoine agus lèirsinn againn ri eugsamhlachd nithean mu thimcheall oirnn mar lusan is beathaichean. Nar gnàth-eòlas tha sealladh soineannta (se sin, sealladh "naìf" no "roi-shaidheansail") againn air an an t-saoghal. Tha sinn fiosrach air dealachadh a dhèanamh eadar duine is beathach is lus. Tha sinn mothachail gu bheil beatha an teaghlaich diofraichte bho bheatha ha h-eaglaise. Tha fios againn gu bheil comasan aig an Stàit nach eil aig an Eaglais.

     Tha gnàth-eòlas a' toirt dhuinn fèin-fhiosrachaidh air beairteas is iomfhillteachd an domhain. Tha e toirt dhuinn eòlais air na dàimhean agus na co-leanailtean a cheanglas gach uile nì ri chèile ann an aonachd mòrail. Agus tha sinn fiosrach nach eil nì sam bith neo-eisimeil bhon aonachd seo. Chan eil càil beò ris fhèin. Is iomlanachd a' chruitheachd seo sa bheil sinn an sàs.

    Nise, dè an dàimh eadar feallsanachd Chrìosdail agus gnàth-eòlas? An cuir feallsanachd Chrìosdail an aghaidh gnàth-eòlais, no an toir iad taic do chàch a chèile?

     Bho thaobh feallsanachd neo-Chrìosdail dheth, chìthear am bitheantas co-bhreugnachadh eadar feallsanachd agus gnàth-eòlas. Saoilear bho thaobh feallsanachd neo-Chrìosdail gu bheil am mòr-shluagh a thig beò le gnàth-eòlas air am mealladh mu fhìor nàdar an t-saoghail, 's iad a' creidsinn gu bheil cùisean dha-rìribh mar a chìthear 's mar a dh'fhiosraichear iad. Tha a' mhòrchuid de dhaoine coma mu bhun-fhìrinn an domhain. Chan eil i a' cur dragh orra, ach tha iad toilichte gu leòr a bhi tighinn beò ann an saoghal fuadain a mheasas iad mar am fìor-shaoghal. Tha am feallsanaiche neo-Chrìosdail nas glice, mas fhìor. Dh'ionnsaich e/i bhi sealltainn tro choltasan agus tha e/i eòlach air bun-bhrìgh an t-saoghail. Tha e mothachail air fìrinn agus comasach air sgaradh a dhèanamh eadar na tha fìor agus beum-sùl, coltas, is faoinsgeul. An cois lèirsinn feallsanachail fhuair e/i sealladh fìorghlan air an domhan. Chan eil rùn-diamhair ann tuilleadh dha. Bheir a chuid reusain neo-eisimeil grèim aige air an tulfhìrinn. Bho àirde a pheadastail bidh am feallsanaiche "soillsichte" a' coimhead sìos air na mithean agus tha e air a sgaradh bhuapa le dubhaigeann do-thomhais.

     Cha b'iongnadh gu bheil feallsanachd neo-Chrìosdail a' coimhead cho coimheach an coimeas ri beatha làitheil agus gu bheil i cho tric gun chomas stiùireadh a thoirt seachad dhi.

     Tha siostam ainmeil Immanuel Kant na eisimpleir de fheallsanachd a churas an aghaidh ar gnàth-eòlais. Chreid Kant gur ceist fhosgailte i co-dhiù a tha càil ann taobh a-muigh ar n-inntinn. Agus co-dhiù no co-dheth, cha gheibhear eòlas idir air domhan sam bith taobh a-muigh ar mothachaidh, (taobh a-muigh "das Ding an Sich", "an nì ann fhèin").  
     
     A-rèir Kant se obair an fheallsanaiche an saoghal air a bheil gnàth-eòlas againn a thoirt as a-chèile agus a thionndadh na rù-rà no na dhubh-choimeasg de fhiosrachadh amh neo-dheasaichte. Bhon mheall lom sgaoilte seo feumaidh e an-uairsin an domhan ceart a thogail air bunait teòiriceil. Gheibh am feallsanaiche cobhar ann an seo leis na riochdan iomfhios againn (se sin, fànas is tìm), agus leis ar riochdan reusain againn (na catagaraidhean de adhbhar is buaidh, de aonachd is iomadalachd, de èiginn, de rèaltachd, 's mar sin air adhart.).

     Bho thaobh beachd Kant, chan fhaighear eòlas "fìorghlan" air càil ach air nàdar (no saoghal nan sùl). Tha eòlas air càil sam bith a-bharrachd air seo do-ruigsinn. Chan fhaighear cinnt saidheansail a-chaoidh, mar eisimpleir, mu bhitheachd Dhè. Chan eil bunait eile do dhaoine dhan cho-dhùnadh gu bheil Dia ann seach ar pearsantachd moralta fhèin, a tha toirt oirnn a chreidsinn gun dèan "Àrd-Bhith" san ath-shaoghal rèite nach robh ann air thalamh eadar beus is sonas. Cha ghabhadh Kant stiùireadh le Sgriobtair Naomh. Uime sin, thùir e "dia" dha fhèin, a dh'fheumas, mar sheirbhiseach an duine àrd-uachdaraich, a bhith cuideachadh an duine sonas sìorraidh a thoirt a-mach!

    Bha Kant den bheachd gu bheil an saoghal sa bheil an fheallsanaiche beò gu tur eadar-dhealaichte bhon t-saoghal nìtheil "naìf" ud sa bheil daoine eile a' gabhail còmhnaidh, bhon a bhios fèin-fhiosrachadh soineannta nan daoine ud a' cur bacadh air tuigse feallsanachail. Gidheadh, bho thaobh an fheallsanaiche Chrìosdail dheth, chan eil co-bhreugnachadh ann idir eadar feallsanachd agus gnàth-eòlas. Gu dearbh, bithidh iad a' toirt taic do chàch a-chèile. Cha bhi am feallsanaiche Crìosdail a' dèanamh dìmeas air a' mhòr-shluagh. Chan eil Crìosdaidh gun oideachas ann am feallsanachd a' tighinn beò ann an saoghal eile seach am feallsanaiche. Tha a h-uile duine tighinn beò san t-saoghal cheudna, agus tha aig gach neach, mar bhall den chinne-daonna, obair bho Dhia a chur an gnìomh.

      A-rèir an t-seallaidh Chrìosdail dheth, bithidh feallsanachd a' cùmail taic ri gnàth-eòlas agus a' gabhail beachd air domhan nitheil ar beatha làitheil. Thèid roinnean (no "aogasan") is co-leanailtean eugsamhail an domhain, a chìthear nan làn-aonachd nar gnàth-eòlas, a chur fo sgrùdadh saidheansail. Nar gnàth-eòlas is lèir dhuinn na h-aogasan-domhain (mar eisimpleir an spàsail, an t-orgànach, am mothachail, an lòidsigeach, an t-aesteiteach 7c) nan co-iomlanachd. Ann am feallsanachd, ge-tà, thèid an sgaradh bho chèile, thèid an seasamh "gu h-ainteiseach" fa-chomhair an inntinn (se sin nan cinn-chuspair fa leth), agus thèid an sgrùdadh gu siostamach. Thèid na nithean agus na h-indibhidealachdan sa bheil sinn an sàs nar gnàth-eòlas (m.e. teaghlach, pòsadh, sgoil, gnothachas) a sgrùdadh gu saidheansail le smaoin ainteiseil ainiliseach ach an tuig sinn an cuid structair.

     Cuiridh am mìneachadh seo às do cho-bhreugnachadh sam bith eadar feallsanachd agus gnàth-eòlas. Chan eil sinn den bheachd idir gu bheil feallsanachd a' gabhail gnothaich ri bun-bhrìgh an domhain is a' tighinn beò ann an saoghal na "fìrinne" fhads a bhios gnàth-eòlas a' gabhail còmhnaidh ann an saoghal "choltasachd" is faoinsgeòil.

     Chan eil an sealladh saidheansail air a' chosmas chruthaichte a' toirt bàrr air sealladh soineannta an eòlais làitheil. Gu deimhinne, cha dèan feallsanachd a' chùis as aonais gnàth-eòlais bhon as ann air gnàth-eòlas a tha i stèidhichte. Agus mairidh gnàth-eòlas daonnan na dhearbh-chloich no na shlat-tomhais do fheallsanachd. Aig deireadh an là, chan eil anns an fheallsanaiche ach na ghnàth-dhuine. Thig e beò mar dhaoine eile agus chan ann "gu fealsanachail" a bhios e ag ithe no a' gabhail norra. Se an t-aon diofar eadar e-fhèin is daoine eile gu bheil fios aige gu bheil e fo ghairm sgrùdadh feallsanachail a dhèanamh air an t-saoghail, agus gur ann le bhith a' beachd-smaoineachadh air a' chruitheachd na dàimhealachd ri a prìomh-thùs a choileanas e an gairm seo.    

     Se an diofar eadar gnàth-eòlas agus ainilis saidheansail gu bheil gnàth-eòlas am bogadh gu h-iomlan san t-saoghal nìtheil, fhads a bhios ainilis saidheansail a' tearbadh aogais fa leth den t-saoghal ach an dèanar sgrùdadh air ann an dòigh ainteiseach


                                                                                                                                                                                                                                                                                      




Air ais