| "Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5) | ||
|
|
||
Bunaitean Feallsanachd Chrìosdail. (Eadar-theangachadh air an leabhar “An Introduction to Christian Philosophy” le J.M. Spier) |
||
Caibideil 1: "Dè th'ann am Feallsanachd Chrìosdail?" Pàirt 4: Feallsanachd agus An Sgriobtair Naomh Tha feallsanachd Chrìosdaidh dlùth an dàimh ris an Sgriobtair Naomh. Se feallsanachd Bhìoballach a th'innte. Tha sinn an comain Iain Cailbhin airson na fìrinn gu bheil ùghdarras aig na Sgriobtairean Naomha, mar Fhacal Dhè, thairis air a' bheatha air fad. Theagaisg Cailbhin gu soilleir nach fhaod raon sam bith dhen bheatha ùghdarras Facal Dhè a dhiùltadh. Tha an fhìrinn sin a' buntainn ri feallsanachd cuideachd. Tha feallsanachd Ath-leasachail a' tòiseachadh leis an aideachadh gur e Facal Dhè a th'anns an Sgriobtair Naomh. Se Cur-an-cèill na Fìrinne a th'ann, air a thoirt dhuinn le Dia. Cha chuirear as àicheadh seo gun a bhith dol air iomrall. Feumaidh feallsanachd a bhith an còmhnaidh a' cumail sùla air Facal Dhè - cha dèan aonta foirmeil a-mhàin a' chùis.Ach ciamar am bidh Feallsanachd a' gabhail suim dhen Sgriobtair Naomh? Tha barrachd a dhìth air feallsanachd Bhìoballach na bhith a' togail rannan as a' Bhìoball 's gan luaidh air thuairmeas mar thaic air ge bè dè an ceann-connspoid. Chan eil luaidh rainn no teacsta na dhearbhadh gu bheil am Bìoball a' toirt taic do chùis. Fhathast a-rìst dèanamaid soilleir e nach e leabhar-teagaisg feallsanachd (no saidheans sam bith eile) a th'anns a' Bhìoball. Se taisbeanadh gràs Dhè a th'ann. Taisbeanadh trona bhruidhneas Dia a' Chùmhnaint ris a' chinne-dhaonna ach am bi eòlas againn, agus gràdh againn, air Iosa Crìosd. Tha saidheans, air an làimh eile, stèidhte air obair dhaoine. Chan eil saidheans, a-rèisde, saor bho bhith dol air seachran. Feumaidh tuilleadh is an Sgriobtar Naomh a bhi fa-near feallsanachd agus saidheans. Cha ghabh siostam feallsanachail a thogail bhon Bhìoball a-mhàin. Mar as àbhaist thathar ag aideachadh na fìrinne seo a-measg mhuinntir Ath-leasaichte, ged a nithear dearmad oirre uaireannan, mar eisimpleir nuair a nithear oidhirp sìc-eòlas no antrap-eòlas a stèidheachadh air dàta Bìoballach a-mhàin. Feumaidh sinn sgrùdadh saidheansail a dhèanamh air obraichean Dhè. Feumaidh sinn meòrachadh a dhèanamh air an rèaltachd chruthaichte uile agus aire a thoirt air a' chosmas fhèin. Tha Gliocas Dhè a' soillseachadh ann. Gidheadh chan urrainn dhuinn sgrùdadh ceart a dhèanamh air a' chosmas as eugmhais solas Facal Dhè. "Ann Ad Sholas-sa chì sinne solas" (Salm 36:9). Na bhun-bheachdan, feumaidh feallsanachd Chrìosdail gabhail ealla ris an Sgriobtair Naomh. San leabhar iomraiteach aige - "Calvinisme en de Reformatie van de Wijsbegeerte" - tha Vollenhoven a' dèanamh liosta dhen dàta Bhìoballach a tha cudthromach airson feallsanachd Crìosdail. Se am prìomh-phrionnsabal, am prionnsabal thar chàich, àrd-uachdranas Dhè gu dìreach thairis air gach uile nì. Se an dara phrionnsabal nach eil fìor-chràbhachd comasach ach am broinn dàimh a' Chùmhnaint eadar Dia is an cinne-daonna. Se an treas prionnsabal a tha an Sgriobtair Naomh a' teagasg gu bheil an leagadh air mac-an-duine a thruailleadh, air chor 's nach gabh a chur saor bho pheacadh is bho bhàs ach le Dia tha toirt seachad gu fialaidh ann an Crìosd taisbeanadh A ghràis do chinne-dhaonna pheacach. Ann an dòigh, siod deireadh na sgeòil againn, oir fòghnaidh na thuirt sinn gu ruige seo mar dhearbhadh air cuspair ar beachdachaidh. Gidheadh feumaidh sinn cumail oirnn, bhon a tha fiù Crìosdaidhean a tha ionnsaichte ann an saidheans ann nach tuig uaireannan dè cho buileach riatanach 's a tha e feallsanachd a tha Crìosdail gu cùl a bhith againn. Togar gu tric na ceistean, "Nach eil Facal Dhè fòghainteach? Nach toir an Sgriobtair seachad dhuinn sealladh air iomlanachd na rèaltachd cruthaichte? Dè an rùm a tha air fhàgail airson feallsanachd? Gu math tric cuiridh feallsanaich neo-chreidmheach an cuid feallsanachd an àite nan Sgriobtairean agus adhraidh. Dè am feum a th'againne air a leithid? Nach eil e cunnartach a bhi ri feallsanachd? A bharrachd air seo, tha thu cantainn gu bheil rùn na feallsanachd a bhith a' meòrachadh air eugsamhlachd is iomlanachd a' chosmais. Nach toir diadhaireachd/dia-eòlas dhuinn a leithid de shealladh air a' chosmas? Nach eil thu an sàs ann an togail dia-eòlais siostamàtaich ach le briathrachas diofraichte?" Mar fhreagairt air na ceistean sin cha dèan e a' chùis a bhith cur air chuimhne dhaoine gun robh smaointearan Crìosdail sa h-uile linn a' faireachdainn gu robh siostam Crìosdail de fheallsanachd a dhìth orra. Rinn fiù diadhairean comasach oidhirp air an cuid feallsanachd fhèin a thoirt gu ìre. A bharrachd air a "Dhogmàtaig Ath-leasaichte" ("Reformed Dogmatics") , sgrìobh an diadhair Duitseach ainmeil Herman Bavinck "Feallsanachd Thaisbeanaidh" ("Philosophy of Revelation") . Is inntinneach na thuirt an t-Oll. Abraham Kuyper: "An aghaidh dùil, bhrosnaich seo diadhairean gu bhith sealltainn air feallsanachd mar nì nàimhdeil innte fèin, agus bho nach robh feallsanachd Chrìosdail aca chog iad an aghaidh a h-uile fheallsanachd. Gidheadh, chan urrainn fiù Crìosdaidhean a bhith mairsinn beò gun bheachdan cosmeòlach de sheòrs' air choireigin, agus lìon iad a' bheàrn nan diadhaireachd siostamàtach le dia-eòlas a bha sàillte le feallsanachd. Cha ghabh an co-cheangal cam seo a thoirt gu crìch ach nuair a thuigear gu bheil obair aig feallsanachd a tha gu tur eadar-dhealaichte bho obair na diadhaireachd, agus nuair a nìthear sgaradh glan eadar feallsanachd Chrìosdail is neo-Chrìosdail." ("Encyclopaedie II", td 568) Cha chuir an Sgriobtair Naomh às dhan fheum air feallsanachd Chrìosdail, mar nach cuir e às dhan fheum air saidheans speisealta sam bith eile. Chan e saidheans a th'anns an Sgriobtair Naomh fhèin, ach tha e na sheasamh os-cionn gach uile saidheans, mar an t-slat-tomhais as àirde aig gach saidheans a shìreas an fhìrinn. Is iùl diadhaidh am Bìoball a bu chòir a bhith stiùireadh ar smaoin shaidheansail. Chan eil an t-iùl seo, ge-tà, a' cur às do ghnìomhachd shaidheansail, ach ga iarraidh 's ga ghairm am bith. Chan eil Facal Dhè a' toirt bhuainn an uallaich mòr-shaothair Dhè a sgrùdadh gu saidheansail. Chan eil toradh feallsanachd Chrìosdail ri lorg a' feitheamh oirnn ann an Sgriobtair. Tha fìor-spàirn agus fìor-stuidearachd inntleachdail a dhìth gus ceist fheallsanachail fhuasgladh. Tha Dia a' gairm air A chloinn a dhol an sàs ann an saidheans agus ann am feallsanachd agus thèid A ghlòrachadh tron fheallsanachd ud a ghabhas ri stiùireadh A Fhacail. Feumaidh feallsanachd Chrìosdail an dà chuid an sgreadhail agus an claidheamh a chleachdadh, ge-tà. Cleachdar an sgreadhail ach am faighear tuilleadh shoillearachaidh tro sgrùdadh saidheansail air Gliocas Dhè anns A chuid obraichean. Cleachdar an sgreadhail ach an tuigear nas fheàrr an fhìrinn man domhan chruthaichte. Agus cleachdar an claidheamh ach am faighear buaidh (leis na buill-airm a th'aige fhèin) thairis air spiorad an t-saoghail, a chogas le neart a tha sìor-fhàs an aghaidh Eaglais Iosa Chrìosd 's A Rìoghachd. Cleachdar an claidheamh ach an toirear am follais na breugan san do rib spiorad an t-saoghail e-fhèin. Chan fhaod diadhaireachd shiostamàtach àite feallsanachd Chrìosdail a ghabhail bho nach eil innte ach fo-roinn saidheans speisealta na diadhaireachd. Se uallach na diadhaireachd aire thoirt air foirceadail (no gnàth-theagasg) na h-Eaglaise agus a bhith a' beachd-smaoineachadh air a h-aidmheilean agus a creudan. Feumaidh i fìrinn thaisbeante Dhè a chur an eagar - mar a tha an fhìrinn ud air a tuigsinn leis an Eaglais. Chan fhaod siostamàtaig obair na feallsanachd a ghabhail thairis agus a dhol an sàs ann an rannsachadh a' chosmais chruthaichte. Chan eil siostamàtaig uidheamaichte a dhol an sàs ann an saidheans no feallsanachd, a-chionns gu bheil dogma na h-Eaglaise stèidhte a-mhàin air an Fhìrinn Dhè a tha taisbeante ann an Sgriobtair. Ged a tha an dà shaidheans seo an eisimeil a chèile, tha raointean-rannsachaidh siostamàtaig agus feallsanachd gu tur eadar-dhealaichte bho chèile. Cha diadhaireachd feallsanachd agus cha feallsanachd diadhaireachd. Feumaidh an fheallsanachd Chrìosdail ud a tha airson a bhith uile-gu-lèir Bìoballach a bhith toirt fa-near aidmheilean na h-Eaglaise agus feumaidh i sùil a chumail air mar a thuigear iadsan seo le diadhaireachd. Air an làimh eile cha dèan siostamàtaig an gnothach ach nuair a thig a chuid ro-bharailean bho fheallsanachd Chrìosdail 's chan ann bho fheallsanachd phàganta. |
||
| Air ais | ||