| "Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5) | ||
|
|
||
Bunaitean Feallsanachd Chrìosdail. (Eadar-theangachadh air an leabhar “An Introduction to Christian Philosophy” le J.M. Spier) |
||
Caibideil 1: "Dè th'ann am Feallsanachd Chrìosdail?" Pàirt 3: Feallsanachd agus an Gnàth-Chrìosdaidh Canaidh cuideigin "Dè am buinteannas a tha aig feallsanachd ris a' ghnàth-chreidmhiche? Chan eil an Crìosdaidh sìmplidh air oideachadh ann an saidheans. Dè an ùidh a th'aige no a th'aice ann am feallsanachd? Tha feallsanachd na nì tuilleadh is mòrchuisiche airson an neach cumanta. Se th'innte iomairt sgoilearan a tha àrd os-cionn nam 'mithean'." Gheibhear gu tric an leithid de bheachdan tuathail a-measg bhall-eaglaise creidmheach. Thàinig àrdachadh an neach-saidheins os-cionn a' mhòr-shluaigh mar thoradh air "diadhachadh" an t-saidheins a thachair ann an linntean sa chaidh a-measg dhaoine nach robh a' tighinn beò tuilleadh le solas Facal foillsichte Dhè, ach le fann-sholas (no saobh-sholas) reusan mhic-an-duine, agus a ghlaodh saidheans gu bhith fèin-fhoghainteach. Chaidh an saidheantair, agus gu sònraichte am feallsanaiche, àrdachadh os-cionn an t-sluaigh; fhuair e meas mòr, agus bu lagh a fhacal. Cha robhar an dùil gun gabhadh daoine a' ghnàth-shaoghail gnothaich ri a chuid obrach. Bha aca-san a bhith riaraichte le corra bheannachd a thèarn orra bho na cèarnaidhean òirdheirc san robh saidheans agus feallsanachd a' gabhail còmhnaidh. A bheil bunteannas dha-rìribh aig creidmhichean sìmplidh ri saidheans Crìosdail? Thoir gu cuimhne an rann iomraiteach bhon Sgriobtair: "Is leibhse na h-uile nithean...agus is le Crìosd sibhse, agus is le Dia Crìosd" (1 Cor 3:21-23). Na toir an cumhachd as an teacsa seo le bhi ga leughadh mar ràdh os-chràbhach suibseagach. Tuig e mar as còir dha bhi air a thuigsinn, na iomlanachd nitheil, agus cha bhi dol-às agad bhon cho-dhùnadh gu bheil buinteannas dha-rìribh aig Eaglais Iosa Crìosd ri saidheans agus ri feallsanachd. Tha gach uile nì a bhuineas ri ar n-Athair nèamhaidh, agus gach uile nì leis an dèanar seirbheis dhan Tighearna, a' buntainn ri poball Dhè. Se sin, tha gach uile nì a tha air a chur saor 's air a ath-nuadhachadh le Crìosd a' buntainn ruinn. Tha Crìosd na àrd-uachdaran ann an saoghal an t-saidheins cuideachd. Sann a-mach air A ghlòir a tha saidheans Crìosdail. Se obair bho Dhia th'ann. Na thoirt gu buil tha sinn a' frithealadh agus ag adhartachadh Rìoghachd Dhè. Air a' cheann thall, tha an dleasnas saidheansail air a thoirt dhan chinne-daonna air fad. Chan e gnìomh uaigneach aig grunnan sgoilearan a th'ann. Air tàillibh seo, bu chòir fios a bhi aig an eaglais gu lèir, aig sluagh Dhè gu lèir - agus iadsan ann am prionnsabal an cinne-daonna ùr - gu bheil iad air an gairm gu bhith ag aideachadh ainm Dhè agus gu bhith ag àrd-mholadh a mhòrachd sna h-uile nithean, saidheans nan lùib. Chan e gum bith gach creidmhiche dha-rìribh an sàs ann an cur an gnìomh saidheansail agus ann am feallsanachd. Tha roinn-obrach ann an Rìoghachd Dhè. Ach chan fhaod creidmhiche sam bith a bhith coma mu thìmcheall iomairt sam bith a bhuineas ri urram Dhè. Feumaidh ùidh bhith aig gach Crìosdaidh anns na nithean sin a thig bhon Athair agus a tha ann airson A Ghlòire. Gun teagamh sam bith aontaichidh muinntir Chrìosdaidh an Olaind ri na thuirt mi an dràsda, oir rinn iad ùrnaigh 's dh'fhulaing iad call o-chionn faisg air ceud bliadhna ach an togadh iad an Oilthigh Crìosdaidh fhèin (Oilthigh Saor Amstardaim, stèidhte ann an 1880 leis an Ollamh Abraham Kuyper). Agus an cois an aontachaidh seo chan eil e doirbh an ceangal eadar feallsanachd agus an gnàth-Chrìosdaidh a shealltainn. Chan eil ach beagan air an gairm gu bhith nam feallsanaich, agus chan eil iadsan seo air an àrdachadh ann an dòigh sam bith os-cionn an co-chreidmheach. Chan eil gnìomhachd shaidheansail nas tlachmhoire ri Dia na gnothachas, obair-factraidh no tuathanas. Chan eil a' mhòr-chuid de dhaoine air an gairm gu bhith an sàs ann an saidheans, ach tha iad air an gairm gu bhith a' gabhail ùidh ann an adhartas saidheans Chrìosdail. Agus as leth seo feumaidh iad ùrnaigh, rud a nì iad (is dòcha gun fhiosda) nuair a chanas iad "Thigeadh Do Rìoghachd". Tha saidheans agus feallsanachd Chrìosdail a' toirt gu cinneas toradh airson beatha gach uile chreidmhich. Bu chòir do shluagh Dhè, oideas saidheans ann no às aca, a bhith toirt deagh aire air toradh saidheans Chrìosdail. Bheir seo comas nas fhèarr dhaibh gus breithneachadh a dhèanamh air co-cheangalan is dàimhealachdan chùisean ann am beatha làitheil. Bheir saidheans Crìosdail comas dhaibh saidhbhreas is gliocas obraichean Dhè a lèirsinn. Bheir eòlas air toradh saidheans is feallsanachd Chrìosdail cuideachadh do shluagh Dhè gu bhith gan dìon fhèin an aghaidh gach gluasachd "shaoghalta". Tha an leithid an còmhnaidh airson pàirt den rèaltachd chruthaichte a ghabhail agus dia a dhèanamh dheth. Nuair a thuigeas creidmhich nas fheàrr cumhachd nam mearachdan a dh'èireas bho shiostaman neo-Chrìosdail, cha tèid an cur air iomrall cho furasda tuilleadh le spioradan-brèige, ach seasaidh iad an fhòid. Gabhaidh iad an t-slighe a leanas a dh'ionnsaigh glòrachadh an Dè Thrì-Aoin. |
||
| Air ais | ||