"Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)


Bunaitean Feallsanachd Chrìosdail.

(Eadar-theangachadh air an leabhar “An Introduction to Christian Philosophy” le J.M. Spier)

Caibideil 1:
"Dè th'ann am Feallsanachd Chrìosdail?"

Pàirt 2: Feallsanachd agus Cràbhachd


Tha an dàrna cheist thòiseachail a' dèiligeadh ris an dàimhealachd eadar feallsanachd agus cràbhachd. Feumaidh feallsanachd a bhith nas mò na cur-seachad no dibhearsan ma tha stèidh dha-rìribh gu bhith aice mar bhun-shaidheans. Feumaidh feallsanaiche a bhith làn-mhothachail air "Gairm Dhè" na chuid obrach, agus fios aige gu bheil feallsanachd a' buntainn ris an dleasnas ud a thug Dia dhan chinne-daonna sa chùmhnant Aige. Tha feallsanachd na phàirt dhen reachd chultarail (Gen 1:28) a thug Dia seachad 's nach do chuir E mu làr fhathast. Bu chòir dha bheatha mhic-an-duine air fad a bhith coisrigte ri seirbheis Dhè (Leabhar-ceasnachaidh Heidelberg, ceist 6).

Tha Dia air A Chùmhnant a chur air chois leis a' chinne-daonna. Tha E air a' chinne-daonna a ghairm gus obair a dhèanamh agus tha E air dleasnasan a shònrachadh a dh'fheumas daoine a chur an gnìomh. Am broinn Adhaimh, ceud cheannard a' Chùmhnaint, sguir an cinne-daonna dhe ùmhlachd a thoirt do Dhia. Mar sin chaill sinn  gealladh a' Chùmhnaint agus thàinig sinn fo bhuaidh a mhallachd. Ach, tro Ghràs, ghlèidh Dia A Chùmhnant tro Iosa Crìosd an dàrna Adhamh, agus dh'atharraich E cùisean ach am biodh gealladh a' Chùmhnaint ri fhaotainn as ùr. Le ùmhlachd Chrìosd ghiùlain E mallachd a' Chùmhnaint agus thèarn E A Eaglais bho pheanas an Leagaidh. Agus, ann am prionnsabal, dh'ath-stèidhich E an cinne-daonna, am broinn na h-Eaglaise, ann an seirbheis Dhè le a uile chridhe.

Gus seirbheis a thoirt seachad do Dhia tro Iosa Crìosd, is fheudar do mhac-an-duine an Cùmhnant a chumail, agus tha an Cùmhnant a' gabhail a-steach gach taobh de bheatha an duine. Tha e toirt a-steach a' phearsa gu lèir na dhàimhealachdan uile agus na ghnìomharan uile. Feumaidh sinn an cuideam as mò a ghabhas a chur air an fhìrinn nach e, a-rèir an Sgriobtair, ar n-anam a-mhàin a tha air a shàbhaladh. Chan e dìreach 'niuclas' spioradail a' chreidmhiche a bhuineas dhan Chùmhnant ach a phearsa gu lèir. Tha sinn a' buntainn ris a' Chùmhnant le ar cridhe 's le ar beatha, le ar n-anam 's le ar corp, agus leis a h-uile rud a th'againn 's a h-uile rud a nì sinn. Tha na dòchasan agus na h-amasan againn, an t-àm a chaidh, a th'ann, 's a tha ri teachd againn, uile a' buntainn ris a' Chùmhnant. Air sàilleabh seo, chan urrainn dhan fheallsanaiche Bhìoballach a bhith ag aontachadh leis an sgaradh Tòmasach (Càitligeach Ròmanach) de bheatha eadar an dà roinn de "nàdar" is "gràs". Oir tha an Sgriobtar ag ràdh gu bheil gràs Dhè ann an Iosa Crìosd ag ath-nuadhachadh 's a' cur saor na beatha air fad, agus (air a' cheann thall) an t-saoghail gu lèir.

Se 'cràbhachd' a chanas sinn ri seirbheis seo Dia a' Chùmhnaint le ar beatha uile tro chreidimh ann an Iosa Crìosd. Chan eil e gu diofar cò th'annainn, no dè bhios sinn ris, tha sinn uile air ar gairm le Dia gus seirbheis a dhèanamh. Is fheudar dhan neach-obrach san fhactari Dia a fhrithealadh a-cheart cho dìcheallach 's a nì am ministear na chlosaid agus an saidheantair nàdarra na obairlann. Is fheudar dhan obraiche-oifig agus dhan mhnaoi-taighe seirbheis a thoirt seachad cho math 's an saidheantair. Chan fhaodar càil sam bith fhàgail as a' chràbhachd, agus se a' chràbhachd seirbheis Dhè le ar n-uile chridhe. Co-dhiù dh'itheas no dh'òlas sinn, chaidleas no smaoineachas sinn, co-dhiù nì sinn gàire no ùrnaigh, a rachas sinn dhan bhùth no leughas sinn leabhar, tha ar gnìomhan uile a' gabhail compàirt dhe ar beatha chràbhaich, agus tha caractar cràbhach orra.

Tha cràbhachd eadar-dhealaichte bho adhradh. Tha cràbhachd a' toirt a-steach ar beatha air fad, fhads nach eil san adhradh ach pàirt bheag dhi. Tha sinn a' cur adhraidh an gnìomh nuair a nì sinn ùrnaigh, nuair a ghabhas sinn compàirt ann an seirbheis-eaglaise, no anns na h-òrdaighean. Tha gairm diadhaidh againn cuideachd taobh a-muigh raon cumhang an adhraidh. Tha againn ris ar n-obraichean a choileanadh airson an Tighearna tron chreideamh, a' feuchainn ri A urram 's A ghlòir a leudachadh le bhith coiseachd anns a' Chùmhnant agus gun a bhith cumail càil Bhuaithe. Is cràbhach beatha uile a' chreidmhiche. Mar sin, chan eil ùrnaigh nas naoimhe na obair. Chan eil Dia a' gabhail tlachd ann an adhradh nas mò na ghabhas E ann an saidheans. Na Chùmhnant tha Dia ag iarraidh bhon t-sluagh Aige an dà chuid ùrnaigh agus obair. Bu chòir do dhaoine Dia a mholadh ann an saidheans; se obair bho Dhia a th'ann. Agus bhon a tha feallsanachd na phàirt dhen t-saidheans, tha i cuideachd air a gabhail a-steach san obair a thug Dia do mhac-an-duine. Tha feallsanachd a' buntainn ri cràbhachd no do sheirbheis Dhè led uile chridhe. Ach chan e teampall no naomh-chobhan a th'anns an fheallsanachd. Cha ghabh i àite adhraidh. Gu tric cuiridh feallsanaichean neo-Chrìosdaidh feallsanachd ann an àite an adhraidh, agus sleuchdaidh iad ann an teampall na feallsanachd air beulaibh iodhail a chaidh a thogail do reusan àrd-uachdaranail. 

Chan e adhradh Dhè a th'ann am feallsanachd, ach tha i na pàirt dhen chràbhachd, na pàirt dhen ghairm talmhaidh againn gu bhith a' frithealadh Dhè agus a' cur an aghaidh dhiathan eile. Tha comhstrì am broinn feallsanachd le diathan-brèige, spàirn leis a h-uile smaoin saidheansail a tha air Dia a thrèigsinn agus nach gèill ri uachdaranachd Chrìosd air nèamh agus air talamh.

Faodaidh dearbh-bheachd beannachdan saidhbir a' Chùmhnaint a bhith aig an fheallsanachd a ghèilleas ri Dia. Buannaichear iadsan a ghlèidheas an Cùmhnant ann an raon an t-saidheins bho shoillseachadh agus bho stiùireadh an Spioraid Naoimh.
 
                 



Air ais