"Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)


Bunaitean Feallsanachd Chrìosdail.

(Eadar-theangachadh air an leabhar “An Introduction to Christian Philosophy” le J.M. Spier)

Caibideil 1:
"Dè th'ann am Feallsanachd Chrìosdail?"

Pàirt 1: Ro-cheistean

   Mas dèan sinn sgrùdadh air an t-siostam feallsanachd a tha romhainn, feumaidh sinn a’ chèist “Dè an fheallsanachd?” a fhreagairt. Cleachdar am facal "feallsanachd" mar as trice ann an dà sheagh. Bithidh e a’ comharrachadh toradh obair na feallsanachd, agus sann anns an t-seagh seo a bhruidhnear mu fheallsanachd Phlato agus Kant. Sann dhan an t-siostam fheallsanachail aig na daoine seo tha sinn a’ toirt tarraing sa chùis seo, siostam a mhaireas fhathast ged is fhada bhon a sguir na daoine seo a bhith ri feallsanachd.

   Gabhaidh am facal feallsanachd a thuigsinn cuideachd mar chur an gnìomh feallsanachail, se sin gu bhith "ri" feallsanachd, gu bhith "an sàs" ann an gnìomh a bhuineas ri ar beatha aimsireil. Cleachdaidh sinn am briathar san t-seagh mu dheireadh seo.

   Nise, gu dè bhios feallsanaiche ris? Sa chiad dol-a-mach, mas ann ri feallsanachd a tha thu, sann an sàs ann an smaoineachadh a tha thu. Faodaidh sinn cuideachd sinn fhèin a thoirt suas gu gnìomharan eile, m.e. ithe, cadal, agus mar sin air adhart. Ach chan eil a h-uile smaoineachadh dhen ghnè fheallsanachail. Fhads a nì tàillear culaidh-aodaich bi e smaoineachadh, ged nach bi e ri "feallsanachd". Se seòrsa àraidh de smaoineachadh saidheansail a th’ann am feallsanachd. Mar sin, mas freagair sinn a’ cheist "Dè th'ann am feallsanachd?" feumaidh sinn an tòiseach freagairt a’ cheist, Dè th'ann an saidheans?

   Tha "saidheans" (no "eòlaidheachd"), agus feallsanachd na lùib, na sheòrsa air leth de smaoineachadh. Se smaoineachadh ainiliseach a th’ann an smaoineachadh saidheansail. Se th’ann an saidheans ach smaoin rianail a tha mion-sgrùdail is ainteiseil (1).

   Gus am mìneachadh seo a thuigsinn gu tur feumaidh sinn coimeas no co-chontrarrachd a dhèanamh eadar ar dòigh-smaoineachaidh shoineannta làitheil agus smaoin saidheansail. Nar fèin-fhiosrachadh làitheil, ma bheir sinn sùil air bòrd brèagha, mar eisimpleir, nì sinn sgrùdadh mionaideach, beachdachaidh sinn air an stoidhle aige, agus measaidh sinn a aois agus a luach. Ach chan e breithneachadh saidheansail a tha sinn a' cur gu feum. A’ toirt saor-ghluasad dhar n-inntinn, bidh sinn ag aiseag
gun fhiosda bho aon raon dhen ghnothach gu raon eile. Tha ar pearsantachd uile (ar faireachdainnean, ar claonbhàighean 7c, cuideachd) an sàs anns an lèirmheas seo agus tha sinn mothachail air rèaltachd nitheil (is e sin, air cùisean ann an seagh slàn, iomfhillte, corporra).

   Tha dòigh-obrach an neach-saidheins gu math diofraichte bho seo. Nìthear bhon tòiseach eadar-sgaradh agus mion-sgrùdadh air caochla aogaisean an oibseig. Gabh bòrd, mar eisimpleir. Thèid sùil a thoirt air a mheudachd, a chudthrom, a aois, a stoidhle, a sheòrsa fiodha, agus mar sin air adhart. Nì neach-saidheans anailis air na feartan seo air leth bho chèile, gan tearbadh bho chèile. Chan eil ùidh aig fisigear no ceimigear ach ann an gnè is nàdar an stutha bhon deach am bòrd a dhèanamh. Agus cha bhi an t-eachdraiche-ealain a' gabhail gnothaich sa chiad dol a-mach ach ri a stoidhle 's a cheann-là.

   Tha smaoin saidheansail snasachail, anailiseach, agus ainteiseil. Nar fèin-fhiosrachadh làitheil tha sinn dlùth an taic ri beatha 'iomlan' no 'shlàn'. Bho thaobh an t-saidheins dheth, cumar astar gu ìre eadar sinn fhèin agus cuspair ar rannsachaidh. Cha leig le saidheantair a chuid smaoin a bhi dol air seacharan; bheir e an deagh aire gun a bhi gluasad bho aon fheart gu feart eile. Nì e/i a rannsachadh ann an dòigh lòidsigeach siostamatach, gun a bhi riaraichte ach nuair a tha e air a raon-sgrùdaidh a chriathrachadh gu cùl.

   Is e saidheans a th'ann am feallsanachd. Tha e siostamatach, anailiseach, agus ainteiseil. Nì gach meur den rud ris an can sinn "saidheans" sgrùdadh air aogas air leth dhen rèaltachd (se sin, dhen domhan uile). Tha lagh, eòlas-comainn, eachdraidh, agus na saidheansan nàdarra eadar-dhealaichte bho chèile do bhrìgh gum bi iad a' rannsachadh raointean diofraichte. Sgrùdaidh eachdraiche agus nàdar-eòlaiche taobhan, no aogaisean, air leth dhen rèaltachd. Dè an taobh den rèaltachd a thèid a sgrùdadh le feallsanaiche?

   Cha bhi feallsanaiche a' toirt sùil shaidheansail air aogas singilte sam bith, ach bidh a aire air an rèaltachd chruthaichte gu lèir. Cha choimhead e ri aon aogas air leth bho chàch; sann a tha a raon-sgrùdaidh an cosmas na iomlanachd (2). Nì feallsanachd oidhirp air sealladh uile-ghabhalach coilionta fhaighinn air iomlanachd. Cha ghabh na saidheansan speisealta gnothach ach ri aon aogas dhen rèaltachd (3).

   Chan eil neo-eisimeileachd aig aogas sam bith dhen rèaltachd. Tha gach fear dhiubh a' toirt iomraidh air na h-aogaisean eile, 's tha ceangal aca ri chèile, a-rèir toil a' Chruithir, nach gabh briseadh. Ann an leanailteachd an t-saoghail chan eil càil neo-eisimeileach. Agus sin an t-adhbhar gum feum bunait feallsanachail a bhith aig saidheans. Feumar dlùth-mheas rianail a dhèanamh air an dàimhealachd eadar an aogas ud a bhios gach saidheans a' sgrùdadh agus na h-aogaisean eile. Tha feallsanachd, a-rèisde, na bhunait riatanach dha na saidheansan uile eile. Co-dhiù thathar fiosrach air gus nach eil, tha gach saidheans stèidhte air ro-bharailean feallsanachail àraid. Mar sin, tha feallsanachd a-mach air a' chosmas na iomlanachd. Mar phàirt dhen smaoineachadh teòriceach, cuiridh feallsanachd ris an smaoineachadh làitheil, ga dhèanamh nas saoibhre agus nas doimhne.

   Nise, tha cuid de shaidheantairean ann nach bi a' togail bhun-cheistean àraid a bu chòir dhaibh a bhi a' togail. Tha saidheantairean nàdarra ann aig nach eil ùidh, co-dhiù fhads a bhios iad an sàs nan raon àraid fhèin, sa chèist cò as a thàinig nàdar. Chan eil ùidh aca ann an tùs, neo ciall, no rùn an nàdair. Bu chòir ùidh a bhith aig an fheallsanaiche sa leithid de cheistean, ge-tà, bhon a bu chòir dha/dhi a bhith toirt a làn-aire (gu saidheansail) do iomfhillteachd uile na rèaltachd tìmeil. Chan eil bith neo-eisimeileach aig aogaisean na rèaltachd tìmeil no aig a' chosmais na iomlanachd. Sann a tha iad a' tomhadh ris a' phrìomh-thùs aca. Mar sin, feumaidh an fheallsanachd ud a tha airson a cuid obrach a choilionadh gu tur a bhith na "post-seòlaidh". Feumaidh i tomhadh ri Dia, ceann-ùidhe is prìomh-thùs na cruitheachd. Is feallsanachd Chrìosdail fìor-fheallsanachd; sann Bhuaithesan agus Trìdsan a tha gach uile nì.

   Is e th'anns an fheallsanachd smaoin saidheansail a ghabhas ris an làn-chosmas tìmeil sa leithid a dhòigh 's gum faicear an dàimhealachd dhìreach a tha eadar an cosmas agus a phrìomh-thùs.

(1) ainteis, Wentworth. L.> Gr. antithesis < anti- , an aghaidh, agus thesis , suidheachadh, < tithenai , suidhich. Cf. tèis > thesis, agus sinteis > synthesis. Tha againn mar sinn sa Ghàidhlig tèis, ainteis, sinteis. Cf Gaeilge téis, fritéis, sintéis ).

(2) Cha ghabh ach rèaltachd thalmhaidh a-mhàin a chleachdadh mar chuspair-sgrùdaidh saidheansail. Tha ar n-eòlas air nèamh agus ifrinn, mar eisimpleir, an crochadh gu h-iomlan air taisbeanadh diadhaidh san Sgriobtair Naomh agus air creidimh.

(3) Chaidh aire a thoirt don diofar eadar feallsanachd agus na saidheansan speisealta le Abraham Kuyper ann an Encyclopaedie der Heilige Godgeleerdheid II, td 586 "...Tha darna dleasdanas na feallsanachd, air an làimh eile, gu tur eadar-dhealaichte, bhon nach eil e air a stiùireadh a dh'ionnsaigh an duine smaointeachail mhothachail, ach tha e na oidhirp leis an duine smaointeachail faileas no ìomhaigh a' chosmais a tha fa chomhair a ghlacadh mar iomlanachd orgànach ann an sgàthan a mhothachaidh.".




                 


Air ais