|
|
Gu
tric thèid " roghnachadh nàdarra
" a mhìneachadh mar " seasamh na feadhna as comasaiche " (neo,
nas fhaisge air ar là fhèin, mar "
sìolachadh na feadhna as comasaiche "). Tha mòran
dhaoine air iomrall man a seo,'s iad an dùil gu bheil fianais
às leth "roghnachaidh nàdarra" na dearbhadh aig an
aon àm gun deach moileciuilean nam miocroban, a chaidh nam meanbh-fhrìdean , nam magnòliathan , agus nam manaidsearan
mòra marsantachd. Mar as trice thèid mean-fhàs
(neo "èabhlaid") a chur an cèill ann an dòigh a
chuireas ris a’ mhì-thuigsinn seo, oir cha dèanar
soilleir e idir nach gabh cùisean a bhith mar seo fiù 's
a rèir teòiric a’ mhean-fhàis fhèin; cha
bhi roghnachadh nàdarra leis fhèin a' cruthachadh
nìthean ùra.
Darwin na bhradaiche-litreachais? *
Se th' ann an roghnachadh nàdarra ach lèirsinn a tha
so-thuigsinn agus sìmplidh gu leòr. Sgrìobh cruitheachdair , an ceimicear/ ainmh-eòlaiche Edward Blyth (1810-1873),
mu dhèidhinn ann an 1835-7, ro Dharwin, a ghabh, a rèir
coltais, an smaoin air iasad bho Bhlyth (1) . Faodaidh feart
oighreachail air choireigin a bhith aig
fàs-bheairt a bheir dhi, ann an àrainneachd
àraidh, cothrom nas mò a ginean
uile a bhuileachadh air an ath ghinealach (an coimeas ri a
co-chreutairean aig nach eil am feart ud). Thar nam bliadhnachan ri
tighinn tha deagh chothrom ann gun sgap am feart ud nas fharsainge
a-measg na buidhne. Dh’fhaodadh an cothrom leasaichte a tha seo air
sìolachadh (i.e. air clann a bhreith) tachairt ann an caochladh
dhòighean:
- Cothrom nas fheàrr a
bhith mairsinn beò I.e. tha an fhàs-bheairt "nas
comasaich a-thaobh mairsinn beò". Se seo as ciall dha “seasamh
na feadhna as comasaiche", cuimhnich; cha leig e leas a bhith tarraing
gu comasachd corporra mar a thuigear gu coitcheann sin. Ma tha barrachd
(neo nas lugha) coltais ann gum mair thu beò, tha aig a' cheart
àm barrachd (neo nas lugha) coltais ann gum bi sliochd agad,
agus mar sin gun tèid do ghinean a thoirt seachad. Mar
eisimpleir, cuirear ginean airson gaoisid fhada ris an teans gum mair
beathach beò ann an timcheallachd
fhuair. Cuirear ginean airson an dath geal ri
breug-riochd mathain ann am fàsach shneachdaidh (Chan eil
breug-riochd na chuideachadh a-mhàin do bheathach gun a bhith
air a glacadh ‘s air a h-itheadh; tha e na bhuannachd cuideachd do
bheathaichean faghaideach ach an goid iad
air an cobhartaich). Mar sin, seach gu bheil mathan le dath nas
bàine nas coltaiche bhith mairsinn beò nuair a tha gort
san tìr, tha e nas coltaiche bhith beò gus a dhath nas
bàine a bhuileachadh air an ath ghinealach.
- Cothrom nas fheàrr mairiste
fhaighinn. Mas annsa an còmhnaidh
leis na h-èisg bhoireann de spìosas
a bhith a’ cliathadh le mairistean aig a bheil earballan nas fhaide,
bithidh an uairsin teansa nas fheàrr, sa chumantas, aig
èisg fireann le
ginean airson earballan nas fhaide a bhith a’ sìolachadh. Mar
sin tha barrachd teansa ann gun tèid lebhreacan a
dhèanamh de an cuid ghinean (ginean airson earballan fada am
measg gach gine eile). Fàsaidh ginean airson earballan fada
(agus mar sin èisg le earballan fada) nas cumanta sa bhuidheann
ud.
- Dòigh sam bith eile gus sìolachadh a
dhèanamh nas coltaiche. Smaoinich air spìosas de
luibh, ‘s a sìol ga sgapadh leis a’ ghaoith. Ma bhios ginean
aice a bheir air sìol na luibhe seo cruth a thoirt gu buil -
cruth a ghabhas a thogail leis a’ ghaoith ann an dòigh a tha
beagan nas soirbheachaile na cruth sìol luibhean eile -
thèid na ginean airson a' chruth àraid seo (agus mar sin
an cruth fhèin) air am fàbharachadh, se sin, air an
"roghnachadh" san dòigh "nàdarra" seo. Siod againn,
ma-ta, bun-stèidh nam briathran "roghnachadh nàdarra".
Air an làimh eile, ma thachras e gu bheil an spìosas de
luibh a tha seo air eilean bheag, can, bithidh e nas coltaiche gun
tèid sìol a shiubhlas astar fada "air chall aig muir".
Mar sin, air an eilean seo fàbharaichear ginean a nì
cruth nach gabh togail cho furasda leis a’ ghaoith. Ged a bha aig aon
àm ann an eachdraidh pòr na luibhe seo ginean an
làthair a bhiodh freagarrach an dà chuid airson
siubhal-adhair "astar-goirid" agus "astar-fada", dhèanadh
èifeachd shìmplidh an roghnachaidh nàdarra seo
cinnteach nach biodh air fhàgail air a cheann thall air an
eilean ach luibhean aig am biodh sìol den t-seòrsa
"astar-goirid". Bhiodh ginean airson sìl "astar-fada" air chall
buileach.
Freagrachadh
*
Air a leithid de dhòigh faodaidh creutairean fàs nas
freagraiche (no nas cumte) ris a’ choimhearsnachd sa bheil iad. Can gu
bheil aig buidheann de luibhean measgachadh de ghinean a riaghlas
dè cho fada 's a bhios an cuid fhreumhan. Ma dh’fhuilingeas a'
bhuidheann seo thairis air ginealaichean tràthan trice de
shìde a tha glè thioram, is iad na luibhean aig a bheil
freumhan nas fhaide a leigeas leo ruigsinn sìos dha na
clàran uisge nas doimhne a mhaireas beò. Mar sin chan eil
e cho coltach
gun tèid na ginean airson freumhan nas giorra a thoirt seachad
dhan ath ghinealach. Rè ùine cha bhi air fhàgail
aig fear sam bith de na luibhean a tha seo ginean airson freumhan
goirid, agus
bithidh iad uile den t-seòrsa ‘fad-freumhach’. Tha iad a-nis air
am freagrachadh nas fheàrr na bha an sinnsearan ri sìde
thioram.
Creideamh Dharwin
Chaidh am freagrachadh seo (‘s gun ann an ceart dha-rìribh ach
na mhìn-ghleusadh dhan
àrainneachd) air fhaicinn le Darwin mar
phròsas a bha bun-chruthachail
, agus cha mhòr gun chuibhreach . Na
bheachd-san, ma b’urrainn do sheòrsachan ‘ùra’
èirigh ann an ùine ghoirid 's iad air fàs
freagraichte ris an àrainneachd, b’urrainn mar an ceudna, ma bha
ùine gu leòr ann, do fheartan ùra gun
àireamh a nochdadh, dhan ìre de chreutairean ùra
buileach. Sann mar seo, chreid
e, a thàinig sgamhanan am bith ann an saoghal
gun sgamhanan, agus itean ann an saoghal gun
itean. Cha robh fios ceart aig
Darwin ciamar a tha dualchas ag obair, ach bu
chòir do dhaoine an là ‘n diugh a bhith nas glice. Cha
robh fios aige, mar eisimpleir, gur e na h-uimhir de
phasgain de fhiosrachadh (se sin ginean), neo
sanasan codaichte, a tha ga thoirt seachad ann an sìolachadh.
Chan urrainn dhuinn cuideam gu leòr a
chur air an fhìrinn nach bi roghnachadh nàdarra a'
meudachadh fiosrachaidh. Sann a gheibh e cuiteas dheth. Chan eil
comas aige nì sam bi ùr a chruthachadh ann. San
eisimpleir shuas dh’fhàs na luibhean nas comasaiche air
sìde thioram a sheasamh a-chionns gun deach ginean àraid a
chall. Se sin, chaill iad cuibhreann den fhiosrachadh a bha aig an
sinnsirean. Bha am fiosrachadh airson freumhan fada aig na sinnsearan
bho chian. Cha robh roghnachadh nàdarra as adhbhar do rud sam
bith ùr gu bhith nochdadh am broinn na buidhne, no rud sam bith
ùr gu bhith air a chur rithe.
Se a’ phrìs a phàighear an
cois freagrachaidh, no speisealachaidh, daonnan call glan
buan de chuid den fhiosrachadh sa bhuidheann ud de
fhàs-bheairtean. Ma bha an àrainneachd a-nise air a
h-atharrachadh air ais gu suidheachadh far nach seasadh ach luibhean le
freumhan nas giorra, cha bhiodh am fiosrachadh airson freumhan goirid
a' nochdadh a-rìst, mar gum biodh le "draoidheachd". Cha bhiodh
comasachd idir a-nis aig a’ bhuidheann freagrachadh a dhèanamh
an taobh sin. Chan èireadh luibhean le freumhan goirid
a-rìst gun cur a-steach as ùr bhon bhuidheann shinnsireil
"ioma-mheasgaichte" san robh an dà ghnè ghinean an
làthair.
Crìochan
stèidhte atharrachaidh
Am broinn a leithid de phròsas a chailleas fiosrachadh, tha
crìochan stèidhte air farsaingeachd an atharrachaidh a
ghabhas tachairt, bhon nach fhaod stòran-ghinean a bhith a’
sìor chall an cuid fiosrachaidh gu bràth tuilleadh.
Tha seo ri fhaicinn ann an sìol-ghiullachd bheathaichean calla . Chan eil ann an
seo ach eisimpleir eile de "roghnachadh". Chan eil a' chùis seo
"nàdarra" bhon tha làmh dhaoine an sàs sa
ghnothaich - gidheadh tha an dearbh phrionnsabal ann. Gabh eich. A'
tòiseachadh bho eich allaidh tha e air a bhith an comas dhaoine
iomadach seòrsa each a thoirt gu buil le
sìol-ghiullachd - eich mhòr obrach,
pònaidhean beaga bìodach, ‘s mar sin air adhart. Ach ann
an ùine ghoirid ràinig an sìol-ghiullachd
crìochan, do bhrìgh nach urrainn do roghnachadh a bhith
ag obair ach air an fhiosrachadh ginteil a tha ann mar-thà. Dh'fhaodadh
sìol-ghiullachd toirt gu buil seòrsachan each le bian
geal, le bian donn agus mar sin air adhart, ach roghnachadh
sìol-ghiullachd ann no às, cha chruthaichear eich le bian
uaine - chan eil fiosrachadh a nì bian uaine a-measg each ann.
Thig crìochan air cruth-atharrachadh am
follais cuideachd a-chionns gum bi fiosrachadh ginteil nas lugha aig
gach seòrsa ùr de each seach na bh'aig a shinnsearan
"allta". Ìnnsidh toinisg dhuinn nach fhaodar tòiseachadh
le pònaidhean beaga Sealtainneach agus roghnachadh
sìol-ghiullachd a chleachdadh gus eich mhòr oibre den
t-seòrsa "Dail Chluaidh" a ghintinn - chan eil am fiosrachadh
ann tuilleadh! Mar as mò an speisealachadh (no am "freagrachadh"
- sa chùis seo ri iarrtasan an duine a tha ris an
t-sìol-ghiullachd, ‘s esan a’
riochdachadh na h-àrainneachd don each), sann as mò as
urrainnear a bhith cinnteach gun deach an stòr-ghinean a
"thanachadh" neo
fhalmhachadh gu ìre mhòir. Agus sann as lugha
de atharrachadh a ghabhas dèanamh bho seo a-mach mas ann leis an
stoc seo a bhios sìol-ghiullachd ùr
sam bith a' tòiseachadh.
Tha e follaiseach bho na fìrinnean so-thuigsinn,
loidigeach seo gu bheil roghnachadh nàdarra fada air falbh bhon
phròsas cruthachail, àrd-streapach, neo-chrìochnach ud a bha ann am
mac-meanmna Dharwin (agus mòran
neo-eòlaichean an là ‘n diugh, ‘s iad fo bhuaidh
fòghlaim lapaich).
Tha làn-fhios aig teoiricearan èabhlaideach
air seo, gun teagamh. Tha fios aca gum feum iad an cuid earbsa a chur
ann an seòl air choireigin eile gus am fiosrachadh ùr a
tha dhìth orra a thoirt gu buil, a chionns gu bheil e aig cridhe
stòiridh a’ mhean-fhàis. "Bha siod ann
reimhid", mar a tha an sgeul, "uair dheth robh saoghal" bha creutairean
beò gun sgamhanan. An uairsin, ann an
dòigh air choireigin dh’èirich fiosrachadh ginteil a rinn
sgamhanan. Ach cha robh itean ri
lorg san t-saoghail. An ceann ùine dh’èirich iadsan seo
cuideachd. Ach se cnag na cùise nach eil e an
comas roghnachaidh nàdarra, leis fhèin,
cruthachadh a dhèanamh. Se pròsas ‘tearbaidh’, no taghadh
eadar caochladh nithean a dh’fheumas a bhith am bith bho
thùs.
Ciamar am bi èabhlaidich
a’ mìneachadh fiosrachaidh ùir?
Bhon nach urrainn do roghnachadh nàdarra ach
tearbadh a-mhàin a dhèanamh, tha teoiricearan
èabhlaideach an là ‘n diugh an eisimeil air mùthaidhean (mearachdan
lebhreacaidh air thuaiream sa phròsas gintinn) mar inneal a
chruthaicheas an stuth amh air am bi roghnachadh nàdarra an
uairsin ag obair. Ach se
deasbad eadar-dhealaichte tha sin. Tha dearbhadh
math ann nach bi mùthaidhean a chaidh
a sgrùdadh a’ cur ri fiosrachadh, agus gu bheil duilgheadasan
mòra teoiriceach aig mùthadh mar mheadhan sa cheangal seo (2) . Tha fear de
na h-eòlaichean-fiosrachaidh as comasaiche san t-saoghail, Dr
Werner Gitt bhon Institiud Fheadarail
Nàdar-Fheallsanachd is
Teicneolais ann am Braunschweig, air a ràdh ‘Chan eil lagh
nàdarra ann air a bheil sinn eòlach tron a bhios
fiosrachadh ag èiridh bho dhamhnadh
, cha mhò a tha pròsas
fiosaigeach neo foir-iongantas damhnail
ann air a bheil sinn eòlach as urrainn seo a dhèanamh
(3) .’ Dh'fhoillsich e dùlan gus an
ràiteas seo a bhreugnachadh gu saidheansail. Cha deach a
fhreagairt fhathast. Chìthear gu bheil eadhon na
mùthaidhean ud a tha nam buannachd a-thaobh mairsinn beò
nan call a-thaobh fiosrachaidh. Cha bhi iad a’ cruthachadh an stutha
ùir riatanaich ud air an
tèid roghnachadh nàdarra an-uairsin an sàs (4).
Geàrr-chunntas:
a) Cha bhi roghnachadh nàdarra a' cur ri
fiosrachadh. Gu dearbh, nì e lùghdachadh ann.
b) Tha seòl a dhìth air mean-fhàs
gus fiosrachadh ùr a thoirt am bith.
c) Feumaidh èabhlaidich cobhair iarraidh air
mùthaidhean (mearachdan lebhreacaidh ginteil) a
mhìneachadh ciamar a dh’èireas fiosrachadh ùr mus
‘stiùir’
rognachadh nàdarra an pròsas mean-fhàsail, mas
fhìor.
d) Gu ruige seo, tha gach sgrùdadh air
mùthaidhean a’ sealltainn, a-rèir coltais, call
fiosrachaidh. Chan eil seo na iongantas
le pròsas tuairmseach.
e) Mar sin, chan eil e reusanta idir a bhith cleachdadh
eisimpleirean de roghnachadh nàdarra (a lùghdaicheas am
fiosrachadh ann am buidhnean beò) mar eisimpleirean de
"èabhlaid a’ tachairt".
f) Tha roghnachadh nàdarra, ag obair air an
fhiosrachadh cruthaichte a bha an làthair sna
stòran-ghinean tùsail, gu math
ciallach ann an saoghal leagte . Is urrainn dha
mion-sgioblachadh a dhèanamh air an dòigh a fhreagras
fàs-bheairtean rin àrainneachd. Is urrainn dha cuideachd
a bhith na dhìon an aghaidh dol à bith ann an
saoghal mallaichte a tha ri uchd a’ bhàis. Tro bhi
"sgàradh" stòr-ghinean mòra gu bhith nam buidhnean
nas lùgha, faodaidh e cur ris an
eugsamhlachd a chìthear a-measg sliochd an tùs-ghnè , dìreach mar
a gheibhear anns na caochla sheòrsa each a dh'èirich bhon
aon ghnè. Thig fiù ‘spìosasan’ ùra am bith
mar
sin, ach cha tig fiosrachadh ùr. Tha seo na chuideachadh ann a
bhith a’ mìneachadh na h-eugsamhlachd nas mò
a th’againn an diugh seach na bha ann air bòrd an Àirce.
Is
dòcha ma bha dha-rìribh fianais dheimhinn ann de
phròsas chruthachail aig fìor-chreidmhich san
èabhlaid, cha leigeadh iad a leas a bhith a’ ruaimleachadh nan
uisgeachan cho tric le bhi cur air adhart pròsas a chromas "le
bruthach" (se sin
roghnachadh nàdarra) mar gum biodh seo a' daingneachadh an cuid
chreidimh sa phròsas-streapaidh "ri bruthach" thar chàich
- se sin mean-fhàs bho mhoileciulan gu mac-an-duine.
Feumaidh sinn fios a leigeil dhan t-saoghal seo, saoghal
a tha sìor-fhàs nas fhoghlaimte, ciamar a bhios na
fìrinnean mu atharrachadh bith-eòlach a’ buntainn ri
fìor eachdraidh an t-saoghail bhon Bhìoball, gus cobhair
a thoirt do dhaoine gu bhith a’ tuigsinn agus a’
creidsinn teachdaireachd an t-Soisgeil, 's e stèidhichte gu
daingeann air an fhìor-eachdraidh a tha seo.
Iomraidhean
1. Taylor, I., In the Minds of Men, TFE
Publishing, Toronto, Canada, tt-dd 125-133, 1984.
(Till)
2. From a Frog to a Prince, bhideo, riochdaichte
le Keziah, sgaoilte le Answers in Genesis. Faic cuideachd Spetner,
L.S., Not by Chance!, The Judaica Press Inc., New York, 1998. (Till)
3. Gitt, W., In the Beginning was Information,
Christliche Literatur-Verbreitung, a’ Ghearmailt, t-d 79, 1997.(Till)
4. Wieland, C., Beetle bloopers, Creation
19(3):30, 1997;<www.answersingenesis.org/docs/241.asp>.
BEAG-FHACLAIR (Till)
roghnachadh
nàdarra - natural selection
seasamh na
feadhna as comasaiche - survival of the fittest
sìolachadh
na feadhna as comasaiche - reproduction of the
fittest
meanbh-fhrìdean
- insects
magnòliathan - magnolias
mean-fhàs - evolution
èabhlaid - evolution
bradaiche-litreachais -
plagiarist (Till)
cruitheachdair
- creationist (Till)
ainmh-eòlaiche
- zoologist (Till)
feart oighreachail
- inheritable trait (Till)
fàs-bheairt
- organism (Till)
ginean - genes (Till)
breug-riochd - camouflage
(Till)
faghaideach - predatory (Till)
mairiste - mate/mating (Till)
spìosas - species (Till)
freagrachadh - adaptation
(Till)
mìn-ghleusadh - fine-tuning
(Till)
pròsas -
process
(Till)
bun-chruthachail - essentially
creative (Till)
gun chuibhreach - without
limits (Till)
dualchas - heredity (Till)
sanasan codaichte - coded
instructions (Till)
sìol-ghiullachd
- breeding
(Till)
beathaichean calla - domestic
animals (Till)
ginteil - genetic
(Till)
neo-eòlaichean
- lay-people (Till)
teoiricearan - theoreticians
(Till)
èabhlaideach - evolutionist
(Till)
tearbadh - culling/separation (Till)
mùthaidhean - mutations
(Till)
Nàdar-fheallsanachd - physics
(Till)
damhnadh - matter (out of which anything is formed -
Dwelly) (Till)
foir-iongantas
damhnail - material
phenomenon (Till)
leagte - fallen (Till)
tùs-ghnè - original
kind (Till)
|
|
|