"Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)

"Tu fais crier de joie l'Orient et l'Occident" (Psaume 65:8/9 en francais courant)


      Tè le Seud-muineil Neamhnaidean 
Vermeer:"Boireannach le Seud-muineil Neamhnaidean"

"A' Sreangachadh nan Grìogagan":
Van Til, Sgriobtar, agus Reusantachd

(This article in English) (Faclair Feallsanachail: Gàidhlig-Beurla  Beurla-Gàidhlig)

      Tha cuid a' cur às leth Cornelius Van Til gu robh e teagasg gu bheil contrarrachdan anns an Sgriobtar. Cha robh. Bha e faiceallach earbsachd an Sgriobtair a dhìonadh an aghaidh gach ionnsaigh. A
n aghaidh, am measg iad seo, leughadh fo bhuaidh an reusanachais a nì còta gun fhuaigheal (mas fhìor) de theagasg an Sgriobtair. Tha Van Til a' cùmail a-mach gu bheil an Sgriobtair (na chruth tùs-sgrìobhte) a' seasamh daingeann fiù 's ged a bhios duilgheadas againn rèite a dhèanamh gu furasta eadar aon fhìrinn agus fìrinn eile. Mar eisimpleir: tha Dia uile-chumhachdach; chan e ùghdar a' pheacaidh a th' Ann, ach tha peacadh am bith. Nuair a thig a' chùis gu dubh-cheistean mar seo, tha Van Til, air a shon-sa dheth, a' tairgse dhuinn sàr-mheatafor mar chobhair: is e sin gu bheil fìrinnean an Sgriobtair mar eileanan taisbeanaidh, fhads a tha fìrinn neo-fhoillsichte mar ghrunnd na mara. Tha na h-eileanan creag-cruaidh de fhìrinnean foillsichte nam binneanan de bheanntan aig a bheil am bunaitean-ceanglaidh ceilte fon mhuir. Is urrainn dhuinn na h-eileanan fhaicinn agus rannsachadh. Lorgaidh sinn acarsaid annta. Ach ma nì sinn oidhirp sealladh-saoghail slàn no feallsanachd iomlan a stèidheachadh air eilean singilte, curar an aghaidh seo air a' cheann thall leis na h-eileanan eile.

Tha eisimpleir eile, nas soilleire buileach, de dhubh-fhacal againn: is e sin nàdar an Trianaid. Tha fhios nach gabh reusanachas (is e sin, creud neo-dhiadhaidh an reusain "neo-eisimeil") ris an Trianaid idir. Ach bho thaobh Van Til, gabhaidh reusanachadh an duine (ge b 'oil leis) ris an Trianaid. Is fheudar dha. Gu mothachail no gu fo-mhothachail. Ged a bhios làn chomas aig an neodhiadhair sàr reusanachadh a dhèanamh (tha sin follaiseach), chan urrainn e/i fìor chunntas a thoirt seachad air bunaitean as doimhne a c(h)uid smaoineachaidh. Tha nàdar an Trianaid, gu paradocsach, an dà chuid os cionn loidsig agus na aon bhonn-steidh den loidsig. Am broinn an Trianaid chan eil singilteachd no iomadachd a' toirt bàrr air a chèile. Tha inbhe deireannach co-ionann aca. Tha "coltas paradocs" seo an Trianaid na riochd agus na riatanas airson reusantachd dhaonna sam bith, bhon as e bun is bàrr na reusantachd a bhith sireadh co-chòrdachd eadar na tha uile-choitcheann agus na tha fa leth. Is gann a ghabhas an fhìrinn seo thuigsinn le Crìosdaidhean fhèin, gun luaidh air càch. Ged a bhios a' cho-chòrdachd seo air a' cheann thall os cionn loidsig, bu chòir dhuinn a dhèanamh soilleir nach eil sinn idir a' moladh neo-reusantais nas mò.

Nuair a bhios sinn an lùib smaoineachaidh, gabhaidh sinn
gun cheist (gun smaoin!) ri bun-fhìrinnean a tha a rèir coltais a' dol an aghaidh a chèile, mar eisimpleir, "an t-aon is an t-iomadachd" agus "an t-uile-choitcheann 's an nì fa leth". Chì sinn na pòlarasan seo (is e sin, na co-phuingean neo-rèiteach seo) fo làn sheòl ann an gluasadan cudrom-siùdain smaoin na h-àirde an iar, mar eisimpleir sna gluasadan-ealain Eòrpach, aig deireadh an 18mh agus trìd an 19mh linn, ris an canar "Nua-Chlasaigeas" agus "Romansachas". Sa chiad fhear nochdaidh Nàdar mar sgàthan na h-inntleachd, is e sin, fo riochd laghan stèite uile-choitcheann. Oibseigeachd os-phearsanta reusan-creudach. San darna fear nochdaidh Nàdar mar sgàthan nan tòcaidhean, is e sin, fo riochd cuairt-shlugan de nìthean caochlaideach diombuan fa leth. Suibseigeachd indibhidealach reusan-sheachnach. Ach chì sinn na pòlarasan ceudna seo an sàs (is dòcha le beagan a bharrachd seasmhachd) sa pharadocs aig cridhe smaoin na h-àirde an ear a thaobh diofarachaidh agus neo-dhiofarachaidh. Tha seo air leth soilleir, mar eisimpleir, ann an Zen, a mholas san aon anail, "An seo, A-Nis, An nì seo" (is e sin, na tha dlùth, neo-bheachdail, nitheil, "a-muigh-a-sin"), agus san darna anail a choimeasgas a' ghlasraich gu lèir (còmhla ris an inneal-coimeasgaidh fhèin) ann an smeur de Aonachd/Mealladh-sùla/Neonitheachd. ("Chan eil spàin ann" - siod againn an t-abairt comharraichte ud bhon fhilm "The Matrix". Cha robh an spàin, no rud sam bith eile, ach na  "saibeir-aisling", na stuth-bruadair a ghin coimpiutair. Ach tha an dìdean Sion, comraich chugallach a' chinne-daonna shaoir, "fìor", is e sin, saor bho bhuaidh a' mheallaidh. No a bheil? Fhads a tha an trialoidsi de mhùbhaidhean a' tighinn gu buil, thig e fa-near dhuinn gu robh "Sionan" eile ann rona seo). Ann an solas Dia Trì-Aon an Sgriobtair, is urrainn dhuinn a bhith seachnadh oidhirpean faoin sgriosail air aon ceann-deireannach mas fhìor a lùghdachadh dhan fhear eile nar smaoin fhèin agus nar structaran sòisialta. Theagaisg an Sgriobtar na nithean seo dhuinn. Theagaisg agus Van Til: 
    
"Is ann
co-bhunasach agus an eisimeil air a chèile a tha an t-aonachd agus an t-iomadachd am broinn Dhè. Chìthear cudromachd an teagaisg seo a thaobh dìon-dhearbhaidh sa chùis gun gabh duilgheadas uile na feallsanachd a chur an cèill mar cheist dàimh na h-aonachd ris an iomadachd; gheibh duilgheadas mas-fhìor an aoin is na h-iomadachd freagairt dheimhinnte bho theagasg sìmplidheachd Dhè." 
(Cornelius Van Til, Christian Apologetics, Presbyterian & Reformed Publishing Co., 1976, p 5)

Tha teacsa an leabhair shuas a-nis air loidhne aig  - 
http://www.biblecentre.net/theology/books/cvt/apol/apol-Index.html


      Is ann a tha an co-dhùnadh gu bheil contrarrachdan san Sgriobtar ceart an aghaidh na theagaisg Van Til. Tha e ceart an aghaidh na theagaisg e a-chionns nach gabh an co-dhùnadh ud a ruigsinn gun slat-tomhais reusantachd nas àirde na an Sgriobtar, agus breith gu bheil an Sgriobtar easbhaidheach an taca ris. Chan eil a leithid de shlat-tomhais ann bho thaobh Van Til. Tha an Sgriobtar "fèin-dhearbhach". Chan eil ùghdarras os a chionn. Cha lùb an Sgriobtar glùn fa chomhair reusantachd an duine. Feumaidh reusantachd an duine a glùn a lùbadh fa chomhair an Sgriobtair. Gu dearbh, thèid Van Til fada seachad air an abairt mu dheireadh ud. Bho thaobh Van Til dheth, chan eil reusantachd comasach idir idir mura ghabh smaointear ro-làimh
(air cho fo-mhothachail) ri Dia Trì-aon an Sgriobtair. Air neo bidh an smaointear air fhàgail le grèim aig aon làimh ri "grìogagan gun tuill" (is e sin, cùisean fa leth -  "paiticlearan" -  aig nach eil dàimh ri chèile), agus grèim aig an làimh eile ri "pìosan de sreang gun cheann" (is e sin, laghan uile-choitcheann eas-chruthach). Cha ghabh seud-mhuineil a dhèanamh. Na mhòrchùis tha an daonnaire a' saoilsinn gu bheil a leithid de rud ann ri smaoin neo-eisimeil is neo-phàirteach (mar eisimpleir, am "modh-obrach saidheansail", mar a chanas iad). Thathar a' creidsinn gur ann a-mhàin an cois an t-seòil Dhia-dhiùltaich seo a thig neach-saidheans an taic ri fìrinnean "oibseigeach". Is e mealladh a tha seo. Tha an sealladh seo "a' bacadh na fìrinn ann an neo-fhìreantachd". Às bith dè an fhìrinn a lorgas neach-saidheans daonnaireach, chan ann air sgàth, ach a dh'àindeoin a chuid ro-phrionnsabalan Dia-àicheil a lorgar i. Ro-phrionnsabalan a dh'fhàgas cùisean uil-choitcheann agus cùisean fa leth geatoaichte bho chèile a-chaoidh. Ach tha luchd creud-an-duine neo-chunbhalach nan cuid ro-phrionnsabalan. Tha agus Crìosdaidhean nan ro-phrionnsabalan fhèin, tha fhios - nach eil e smaointeachail an ìre dham bi Crìosdaidhean ann am fòghlam air an dogma daonnaireach mu "mhodh-obrach saidheansail neo-phàirteach" a shlugadh? "Modh-obrach" a chanas ri Dia "Cùm air ais! Ma bheanas Tusa ris a seo chan e saidheans a bhios ann tuilleadh, ach cràbhachd! Ma leigeas sinn Leatsa a-steach dhan obairlann againn, chan e Fìrinn Oibseigeach a bhios anns an sgrùdadh againn, ach Fantasaidh Suibseigeach!" Abair dearg toibheum a bhios sinne, muinntir soisgeulach agus Ath-leasaichte, gun fhiosta a' cur an cèill is a' dìonadh uaireannan! Ach cò rinn na nèamhan agus an talamh agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann? Nach lìonar an talamh le eòlas an Tighearna mar a chòmhdaicheas na h-uisgeachan aigeann na fairge? [Isaiah 11:9]? Cùmamaid air chuimhne deagh chomhairle J Gresham Machen na òraid "Christianity & Culture" :

"An tig ealain agus saidheans fo bhlàth mur eil iad neo-eisimeileach? Freagraidh sinn gu bheil sin a' crochadh air an seòrsa eisimeileachd. Bhiodh e marbhtach do ealain agus do shaidheans a bhith fo smachd ùghdarrais bhon taobh a-muigh no fiù's ughdarrais dhaonna. Ach is e rud gu tùr eadar-dhealaichte a th'ann a bhith fo smachd Dhè. Is e an fhìrinn gun lorgar nach e sgrios ach neartachadh a thig mar bhuil coisrigeadh chumhachdan dhaonna do Dhia. Is e Dia a thug seachad na cumhachdan ud. Tha E gan tuigsinn math gu leòr gun a bhith a' sgrios gu cearbach A ghibhtean fhèin."

      Tha Machen ag ràdh, mar gum biodh, nach eil a' cheist "Dè a' chòir a th'aig Crìosdaidhean a bhith an sàs ann an saidheans?", ach "Dè a' chòir a th'aig neo-Chrìosdaidhean a bhith an sàs ann an saidheans?". A chionns gur ann le Dia a tha an Talamh seo. Agus is e coimisean Dhè do shluagh Dhè a th'ann an saidheans (Genesis 1:26-28, 2:15). Ach na ghràs coitcheann tha Dia a' toirt seachad na h-uibhir de reusantachd is eòlas fiù dhaibhsan a bhios ga àicheadh. Agus fiù anns an àicheadh ud feumaidh na h-argamaidean a chleachdar co-leanailt sam bith a th'aca fhaighinn air iasad bhon aon tobar a th' ann, is e sin, an Trianaid. Gus samhla eile bho Van Til a chur gu feum: chan urrainn leanabh sgail a thoirt do aodann athair mura tog an t-athair an leanabh faisg gu leòr.

      Nuair a dh'fhàg Machen Princeton gus Westminster Theological Seminary a chur air bhonn ann an 1929, shir e sa bhad an Van Til òg a thig mar ollamh an dìon-dhearbhaidh. San leabhar shuas-luaite, "Christian Apologetics", cluinnear mac-talla air Machen aig Van Til, agus barrachd an uairsin -

       "Tha na chaidh a ràdh mu dhàimh diadhaireachd ri feallsanachd a cheart cho fìor - ged nach eil e buileach cho follaiseach - mu dhàimh diadhaireachd ri saidheans. Tha buaidh dheimhinnte aig a' chreidimh Crìosdail, mar a chaidh a mhìneachadh sa chiad chaibideil, air an iomairt shaidheansail. Tha Crìosdalachd a' cùmail a-mach gur ann bhuaipe a thig na ro-bharailean às aonais nach gabh fìor dhol-air-aghaidh saidheansail a thuigsinn. Is e an ro-bharail as cudromaiche nam measg idèa Dhè a tha ga chur an cèill ann an gnàth-theagasg an Trianaid ont-eòlaich. A bharrachd air sin, tha gnàth-teagasgan na cruitheachd, an fhreasdail, agus plana deireannach Dhè às leth na cruinne-cè. Tha Crìosdalachd a' cùmail a-mach gu bheil feum aig amas is seòl an t-saidheins fhèin air na gnàth-theagasgan seo mar bhun-riatanais.

     

       "Tha e soilleir sa bhad gun shaoileadh iomadach neach-saidheans, san àm a chaidh agus san àm a th'ann, gu bheil tagradh seo a' chreidimh Chrìosdail gun chiall. Chanadh an luchd-saidheans ud gu bheil an tagradh seo a' toirt buaidh air neo-eisimeileachd saidheins agus a' fàgail a chuid oidhirpean gun stà. Nach e smior an t-seasaimh fhìor-shaidheansail gum feum e bhith deònach na fìrinnean a leantail gu ruig às bith dè an co-dhunadh? Chan urrainn dha gealltainn ro-làimh nach lean a oidhirpean gu co-dhunaidhean sam bith a bhios diofraichte bho shiostam diadhaireach stèite air ùghdarras. Mar fhreagairt, bidh an dìon-dhearbhaiche Crìosdail a' tagairt gur ann a-mhàin air a ro-bharailean fhèin a ghabhas saidheans a dhèanamh." (Christian Apologetics, p 24)


      Chan eil pairticlearan disgreiteach "brùideil" aig an fhìor-bhith. Cha mhò gu bheil laghan "amha" neo-eisimeil a-muigh a sin de "reusantachd-innte-fhèin" no "ceartas-ann-fhèin" no "maise-ann-fhèin" no "gràdh-ann-fhèin" 7c, ris a dh'fheumas Facal Dhè cùnntas a thoirt seachad. Tha deimhneid "Reusantachd", "Ceartais", "Maise", "Gràidh" 7c stèite air cò th'ann an Dia agus air sin a-mhàin. Is e th'ann an reusantachd, ma-tà, cùisean fhaicinn mar a bhios Dia gam faicinn. Agus dè as ciall dha sin ach a bhith faicinn cùisean mar a bhios Sgriobtar gam faicinn?  -
      
      "Led àithne rinn thu mi nas glice na m'eascairdean,
        oir tha i a-ghnàth maille rium.
        Os cionn mo luchd-teagaisg uile tha mi a' tuigsinn,
        oir is iad do theisteis mo chùis-smaoineachaidh.
        Os cionn nan seanairean tha mi crìonna,
        a chionn gu bheil mi a' gleidheadh do reachdan."

         (Salm 119: 98-100)

      Nise, bidh Van Til cuideachd a-mach air prionnsabalan "leantalachd" agus "neo-leantalachd" a tha follaiseach ann an smaoin. A rèir Van Til, is e prionnsabal "leantalach" an daonnachais nòisean creud-an-reusain gu bheil an fhìor-bhith gu h-in-chomasach
laiste suas (is e sin, fosgailte gu tur) ri loidsig neo-eisimeil dhan ìre 's as urrainnear a chantainn le làn-chinnt nach eil Dia ann idir, agus nach eil "feum air a leithid de hupòtasas". Is e prionnsabal "neo-leantalach" an daonnachais tùs-bheachd co-amail creud-an-neo-reusain a chùmas a-mach gur ann le tuiteamas dall a rugadh an cosmos, agus mar sin is urrainnear a ràdh le làn-chinnt nach urrainn dhan Dia Bhìoballach a bhith ann idir bhon a bheireadh a leithid a bhith cinnteachas a-steach do chruinne-cè a tha gu follaiseach stèite ann an turchairteas agus dìomhaireachd.


 Bho thaobh Crìosdaidhean dheth, tha Van Til ag ràdh gu bheil ar prionnsabalan leantalachd is neo-leantalachd againne cuideachd. Is e ar prionnsabal leantalachd an fhìrinn gu bheil eòlas gu cùl aig Dia Uile-chumhachdach an dà chuid Air Fhèin agus air a' chruinne-cè a chruthaich E - chan eil dìomhaireachd sam bith ann Dhàsan. Chan eil beàrnan ann. Is e prionnsabal neo-leantalachd a' Chrìosdaidh, an fhìrinn nach do thaisbean Dia dhuinn a h-uile nì (gu dearbh, nar crìochnachd chreutaireil chan urrainn dhuinn a-chaoidh, fiù 's ann an sìorraidheachd, tur-eòlas fhaighinn air an fhìor-bhith), agus mar sin tha sinn an eisimeil air às bith dè an taisbeanadh a tha Dia na ghràs air buileachadh oirnn.   Bithidh tomhas de dhìomhaireachd ann dhuinn gu suthainn. Beàrnan daonnan.

      Ceart, càit a bheil sinn, ma-tà? Sa chiad dol a-mach, tha Van til daingeann
nach eil bunait eile aig "reusantas' seach am Bìoball, agus mar sin chan urrainn dhan "reusantas" a bhith (gun ar-a-mach) a' fàgail air a' Bhìoball gu bheil e fèin-chontrarrach. San darna àite, chan e tur thaisbeanadh ach taisbeanadh cuibhrichte a gheibhear sa Bhìoball.

      Nise, a thilleadh gu cùis an Trianaid. A bheil an Trianaid a' co-chòrdadh ri reusantas? Tha gu dearbh! A-muigh 's a-mach, tha! Tha an fhìor-bhith gu lèir, agus reusantas air fad, stèite air fìrinn an Trianaid. Ach a bheil comas againn an Trianaid a thuigsinn? Tha fhios nach eil. Tha e na dhìomhaireachd dhuinn. A rèir coltais, is e paradocs a th'ann. Chan e fìor pharadocs a th'ann. Is ann nach eil e ach a rèir coltais na pharadocs. A chionns gu bheil A fhìrinn nas àirde na ar reusantas cuingealaichte. Mar a thuirt sinn shuas, a rèir coltais tha e na pharadocs ann an Sgriobtar gu bheil Dia naomh uile-chumhachdach ann aig an aon àm 's a tha am peacadh am bith. Mar a tha cuideachd tur-uachdaranachd Dhè air an darna làimh agus toil shaor dhaonna air an làimh eile (is cinnte nach fhaod e a bhith gum bi luchd-cuimse air thuaiream anns an ifrinn, ach a-mhàin luchd-ceannairc làn-chunntachail).
Tha na nìthean seo a' mairsinn nan dubh-cheistean, ged nach eil iad nam fìor chontrarrachdan ann am fìor-bhith no ann an Sgriobtar (a tha toirt seachad dhuinn cunntas earbsach air an fhìor-bhith).


      A bharrachd air a seo, tha fìrinn co-dheireannachd na h-aonachd agus na h-iomadachd am broinn an Trianaid a' nochdadh air feadh na Cruitheachd, mar a bhiodh sinn an dùil, bhon a tha "A chumhachd sìorraidh agus A Dhiadhachd air am faicinn gu soilleir, air dhaibh a bhith so-thuigsinn o na nithean a rinneadh" (Rom 1:20). Bhuilich an lèirsinn Sgriobtarail seo oirnn (co-dhiù oirnne aig a bheil dualchas Cailbhineach) teagasg air leth cudthomach na h-uachdaranachd-raoine, a rèir nach eil cead aig cùis-bheachd sam bith na h-àrdan smachd a ghairm air an fhìor-bhith gu lèir. Agus a rèir nach gabh an Teaghlach, an Stàit, an Eaglais, an t-Oilthigh, an Gnìomhachas, an Ealain, a lùghdachadh ri càch a chèile. Gu bhith soilleir air a seo, chan eil an fheadhainn eile air an gairm idir gu bhith strìochdadh dhan Eaglais. Tha iad air an gairm a bhith strìochdadh nan raointean fhèin gu dìreach ri Dia tro A Fhacal. Air neo slugaidh dubh-aigeann na neo-chèille an grùnnd fodhpa. Chan e ceannard air "reilidean" a th'ann an Crìosd. Is e a th' Ann ach Bun gach uile chèille sa chruinne-cè. Uime sin, is ann a-mhain ann an ùmhlachd Dhà-san a bhios reusantachd ga stèidheachadh agus ga dìonadh.
Is ann a-mhain ann an ùmhlachd Dhà-san mar an ceudna a bhios daonfhlaitheas ga stèidheachadh agus ga dhìonadh ("Uime sin ma nì am Mac saor sibh, bidh sibh saor da-rìribh" Eòin 8:36). Chan ann le sealladh ceannairceach a dh'fhàgas air an Sgriobtar gu bheil bun-chontrarrachdan marbhtach na bhroinn (a' spàrradh mar sin faoin-reusantas daonna air an Sgriobtar), ach le sealladh ùmhlachail a stèidheachas reusantachd dhaonna air an Sgriobtar. Agus an cois seo a chùmas air chuimhne gum mair beàrn dhomhainn dìomhaireachd eadar cuid de fhìrinnean, bhon nach eil comas aig ar reusantachd chrìochnach sealladh fhaighinn air a grunnd (comas is dòcha nach bi a chaoidh aig ar reusantachd, bhon a tha an fhìor-bhith grunndaichte anns an Diadhachd neo-chrìochnach). Uime sin, cha do theagaisg Van Til gu bheil contrarrachdan anns an Sgriobtar. Is e a rinn e ach dìonadh a dhèanamh air reusantachd a tha toirt urram do Dhia, an aghaidh creud an reusain a nì àicheadh air Dia. Tha a' chiad fhear a' sreangachadh nan grìogagan. Tha am fear mu dheireadh a' crìochnachadh ann dubhleagail agus deòir. 

      "Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas... agus a-chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a-chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd; Anns a bheil uile ionmhasan a' ghliocais agus an eòlais falaichte. Agus seo tha mi ag ràdh, air eagal gum mealladh neach air bith sibh le briathran tàirngeach." (Colosianaich 2:2-4)

      "O, doimhne saoibhreas araon gliocas agis eòlas Dhè! Cia do-rannsachaidh A bhreitheanais, agus do-lorgachaidh A shlighean! " (Romanaich 11:33)

      "Dhòmhsa, as lugha na an tì as lugha de na naoimh uile, thugadh an gràs seo, saoibhreas Chrìosd, nach faodar a rannsachadh, a shearmonachadh am measg nan Cinneach; Agus gun dèanainn soilleir do na h-uile dhaoine, ciod e comann an rùin-diamhair sin, a bha falaichte ann an Dia o thoiseach an t-saoghail, a chruthaich na h-uile nithean tre Iosa Crìosd." (Ephesianaich 3:8-9)


Fearghas MacFhionnlaigh


Airson tuilleadh air Cornelius Van Til, dèan tadhal air -
 www.vantil.info


78 AUDIO Òraidean agus Searmonan air an liubhairt le Cornelius Van Til


Leabhraichean Air-loidhne le Cornelius Van Til


Ma dh'fhaoite gun gabh thu ùidh san deasbad Douglas Wilson versus Farrell Till


                                    Air ais gu td Van Til       Air ais gu td Cànan is Cùltar      Dhachaigh