"Gach smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)

"Tu fais crier de joie l'Orient et l'Occident" (Psaume 65:8/9 en francais courant)



Daruma
   "Daruma" le Musashi

Van Til, Dooyeweerd, agus an t-Ear-Chian (Litir)
 

This article in English     (Faclair Feallsanachail: Gàidhlig-Beurla  Beurla-Gàidhlig)

Diciadain, 17 Failleach 2001


A-rèir Van Til bu choir dhuinn smaoineachadh gu nitheil. Chan eil tùs no stèidh aig Fìrinn, Maise, Gaol, Loidsig, ‘s an leithidean ach ann am pearsantachd Dia an Sgriobtair. Chan eil Dia Fhèin na “bhun-bheachd”, ach na Dhearbh-bhith sìorraidh, neo-chrìochnach, fèin-mhothachail gu cùl – “Is Mise an Tì as Mise”. Is e teine uile-loisgeach an Fhìor-bhith a th’anns an Dia againn. Feumar ar teòiricean a bhith air an toirt far a bheil E ach am faicear an e daoimean no clòimh-mhilis a th’annta. Is Carraig Dia, agus feumaidh sinn smaoineachadh gu nitheil (gu carraigeach?).


Tha Dooyeweerd a' teagasg nach eil na tha teòiriceach no ainiliseach a' toirt bàrr air fiosrachadh làitheil a' ghnàth-dhuine a-thaobh beatha a thuigsinn (cha bhi an t-ainilis ach a' toirt taic dhan mhothachadh làitheil). Tha
craobh no flùr nas mò na cur ri chèile gach sealladh modalach (is e sin, fàs-bheairteach, eaconamach, estètigeach 7c). Na làn bhith tha a' chraobh nitheil a' toirt bàrr gu mòr air a h-uile in-lèirsinn aogasail, nach eil ach taibhsean son-et-lumière am broinn innealra niuro-eòlach an duine. Na h-iomlanachd tha ciall na craoibhe no an fhlùir neo-chrìochnach bhon a shruthas a' chiall ud bhon Chrìosd neo-chrìochnach,'Oir is ann uaithesan, agus trìdsan, agus air a shon-san a tha na h-uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh' (Rom 11:36).

Tha Nua-Dharwineas, mar eisimpleir, gu mòr air iomrall sna cùisean seo. Mar sin, air a' cheann thall tha e às a chiall (cinnteach às fhèin gu bheil lèir-shealbhachd aig a chuid "fiosaig-lùghdachas" air reusantachd agus fìrinn, ach a' dol as àicheadh an Tì a-mhàin a tha na bhunait dhan a leithid). Agus tha e sgreataidh (a' goid air falbh gu rianail 's a dh'aona ghnothach gach creutair bho thobar a' ghràidh 's na cèille sìorraidh agus a' dèanamh cùisean-uabhais robòtach dhiubh. Bho thaobh Dawkins, Dennet 's an leithidean, cha seinn eun ach gus a chuid ghinean a chraobh-sgaoileadh, deireadh na sgeòil). Bho thaobh smaoin Dooyeweerd tha na daoine seo air absolut (is e sin "iodhal") a dhèanamh de aon aogas - am fiosaigeach. "Ag ràdh gur daoine glice iad fhèin, rinneadh amadain dhiubh: Agus chaochail iad glòir an Dè neo-thruaillidh gu dealbh a rinneadh cosmhail ri duine truaillidh, agus ri eunlaith, agus ainmhidhean ceithir-chasach, agus biasdan snàigeach" (Rom 1:22,23).

Nise, nach fhaod sinn a-rèiste leantainn oirnn a chantainn gu bheil gach "Craobhachd", "Flùrachd", 's mar sin air adhart, air a choilionadh ann an Crìosd? Nach Esan am fìor Chraobh (Craobh na Beatha), dìreach mar as Esan cuideachd am fìor Fhacal/Smaoin, am fìor Dhuine, Rìgh, Bhritheamh, Aran, Uisge, Solas, Dhoras, Uan, Leòmhann, Slighe, Carraig, Èide, Luime, 's mar sin air adhart. Nach eil na ràithean air an coileanadh Ann, mar a tha a' ghealach 's a' ghrian, oidhche is là, cadal is dùsgadh, ithe agus òl, pòsadh agus caillteanachd? Nach ann "
uaithesan, agus trìdsan, agus air a shon-san" a tha gach dadam na bithe? Saoil an e smaoineachadh nitheil a tha seo, gus nach eil?

Rinneadh Adhamh ann an ìomhaigh Dhè agus bhon duslach. Is ann mallaichte a tha'n an talamh air sàillibh a chuid eas-ùmhlachd. Is e Crìosd (an t-Adhamh mu dheireadh) na aiseirigh a' chiad làn dùirn duslaich a bhith cuidhteas a' mhallachd. Is Esan ciad thoradh na Cruitheachd Ùir anns nach bi feum air Ghrèin, oir "is e an t-Uan as solas dha" (Taisb. 21:23 & 22:5). Is e Crìosd, ma-tà, am fìor Chorporrachd, ciall na cruinne-cè stuthail - '"Dh'ullaich thu corp dhòmhsa" (Eabh. 10:5), '"Uan a mharbhadh o thòisich an t-saoghail" (Taisb. 13:8). Chan e Gnòstaich a th'annainn. Rinneadh am Facal na fheòil. Gabhaidh saorsa a-steach ar cuirp (Rom 8:23). Is spioradail an corporra.

Tha litreachas pobal-bhàidheil an là 'n diugh a-thaobh eanchainn an duine gu tric a-mach air speisealachd dheas/chlì. Mar as trice canar gu bheil an leth-chruinne clì a' cur cuideam air loidsig loidhneil, mothachadh-tìme, ainmean, 7c, fhads a bhios an leth-chruinne deas a' dèiligeadh ri iomlanachd agus imfhios. A rèir coltais, is e fìrinn na cùise nach eil an speisealachadh cho rag sin, agus ma thachras milleadh ionadail tha comas gu ìre aig pàirtean eile dhen eanchainn obair an àite sin a ghabhail os làimh. Sin ann no às, tha seo a' toirt dhuinn meatafor a nì feum. Tha e coltach gu bheil fòghlam ar Saoghail Shiar air cuideam mòr a chur air na tha "loidhneil" seach na tha "imfhiosach".

Anns an leabhar
"The Act of Creation"  le Arthur Koestler, tha e dèanamh a-mach gu bheil adhartas ann an saidheans, a cheart cho mòr ri ann an ealain, an eisimeil air in-lèirsinn agus ro-fhaireachdainn. Thig, tha e cantainn, an dearbhadh "rag-fhoghlamach" às dèidh sin. " Is ann tre chreidimh arsa Koestler, "a rinneadh Darwin na èabhlaidiche". Ma tha e ro shìmpli a bhi roinn na h-eanchainne na dà leth-chruinne eileanach, tha e nas sìmplidhe buileach an domhan a roinn mar sin. Gidheadh, chan eil teagamh nach eil barrachd cuideam air iomlanachd agus imfhios anns an Àird an Ear. Chan eil an Eaglais air gliocas Heilleanach a chur an suarachas buileach, a dh'aindeoin a dhiathan brèige. Chaidh cnuasachd a dhèanamh air gu ar buannachd mhòir (ged a bhios strì againn fhathast an aghaidh a dhiathan, mar eisimpleir, san dichòtomi reusanachail/romannsachail [Apollos/Dionusas]).

Nach eil gliocas na h-Àird an Ear a cheart cho airidh air rannsachadh? Am bi "Gràs Coitcheann" a' sìor dhol an lughad nuair a shiubhlas sinn dhan àird an ear? Cò ris am biodh Sìona no Seapan Ath-leasaichte/ Bìoballach coltach? A-thaobh khòanan dheth, nach bi sinn fhèin a' gabhail dìdein ann an co-chothrom nas àirde na loidsig loidhneil gus rèite a dhèanamh air antanomaidhean leithid "aon is iomadachd", naomhachd Dhè agus làthaireachd an uilc, àrd-uachdaranachd Dhè agus saorsa an duine, 7c? Tha fhios gur e inneal a th'anns a' khòan airson reusantachd a chur an neoni a dh'aona-ghnothach. Bidh Crìosdaidhean a' lorg freagairt ann an reusantachd dheireannach nach do thuig sinn fhathast (no is dòcha nach tuig sinn a-chaoidh (chan fhaodar rannsachadh a dhèanamh air saoibhreas Chrìosd, agus Annsan tha falaichte uile ionmhasan a' ghliocais agus an eòlais). Ach nach eil na h-uibhir de cheartas san in-lèirsinn Zen gun tuislich reusantachas air a' cheann thall gu a ghlùintean fa chòmhair na fìor-bhithe?

A bheil seòrsa de "mheòrachadh" ann nach bi ach a' suidseadh na h-eanchainn gu lèirsinn na leth-chruinne deise. An seòrsa lèirsinn a ghabhas ri Craoibh/ Flùr/ Gealaich na h-iomlanachd. Mar dhearbh-bhith neo-ainilisichte/ no iar-ainilisichte? Mar "nitheil"? Mar "ghnàth-fhiosraichte" (a rèir briathrachd Dooyeweerd)?

Tha Crìosd ag innse dhuinn "Thugaibh fa-near na lilidhean", "Na biodh ro-chùram oirbh mu thimcheall an là màireach".  Nach eil seo gar gairm air ais gu bhith gabhail gnothach ris na fa ar comhair gu fiosaigeach? Ris na tha An seo agus A-Nis? Nach eil uairean ann nuair a dh'fhaodadh ar teaghlaichean sgailc zen a thoirt dhuinn gus ar crathadh a-mach à bruadar easchruthach beachdachail agus air ais dhan fhìor shaoghal na co-bhith corporra agus a' chonaltraidh dhachaigheil (Dè tha thu 's iarraidh ri ithe")?

Mur eil sinn nar sìochantairean, cha bhi duilgheadas againn le còmhrag ann am prionnsabal - is e an co-theacs a tha cudthromach. Tha fearas-còmhraige a' toirt dhuinn aon suidheachadh far an tig feallsanachd is fiosaigeachd an ceann a chèile le grad-iongantas. Tha Bruce Lee ag innse ciamar, 's e na òganach, nach robh ann am breab ach breab. Mar theòiricear Jeet Kune Do sgrùd e am breab gu cùl. Air a' cheann thall thàinig là nuair nach robh ann am breab ach breab a-rìs. Tha mise cluinntinn mac-talla de Van Til agus Dooyeweerd an sin. A bheil neach sam bith eile?

Fearghas MacFhionnlaigh.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Cornelius Van Til aig -

 www.vantil.info

Èisd ri Cornelius Van Til air AUDIO

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air Herman Dooyeweerd aig -

The Dooyeweerd Pages

 Studies Relating to Herman Dooyeweed

Is dòcha gun tachair thu air rudeigin anns am bi ùidh agad am measg na leanas  -

"Stringing the Beads": Van Til, Scripture & Rationality

A Blast of the Trumpet against the Methodological Regiment of Naturalism

Zen & the Art of Calvinist Epistemology



     Air ais           Dhachaigh