"Gach
smuain a-chum ùmhlachd Chrìosd" (2 Corintianaich 10:5)
Apologia: An
Fhìrinn Mhaiseach
(Gheibhear
an t-aiste seo cuideachd an
seo)
Bu
chòir cumail air chuimhne nach e gnàth-fhaclair a tha seo
idir ach oidhirp air liosta feallsanachail
(agus, gu ìre nas lugha, saidheansail is ealaineach) a
chur air chois. Tha fhios gu bheil briathran anns a' Ghàidhlig a
tha nas
nàdarra agus nas dualchasaiche na an fheadhainn air an liosta (mar as trice co-dhiù).
Ach a-thaobh còmhraidh fheallsanachail feumar pongalachd
shònraichte. Faodaidh sinn aon eisimpleir a thogail bhon fhaclair
ùr "Teach Yourself" (2004). Fa chomhair an
fhacail Beurla "aesthetic" tha dà fhacal Gàidhlig air an
toirt dhuinn - "tarraingeach" agus "maiseach". Nise, ma tha sinn airson
"aesthetic truth" a chantainn anns a' Ghàidhlig, agus ma
sgrìobhas sinn "fìrinn tharraingeach" no "fìrinn
mhaiseach", bidh an leughadair a' smaointinn gur ann a-mach air
"fìrinn a tha brèagha" a tha sinn, seach "fìrinn a
tha buntainn ri aesthetics".
Dè thàinig fa-near dhut fhèin nuair a leugh thu
tiotal an aiste seo?
Cuimhnicheamaid cuideachd cho doirbh 's a tha e a bhith
cumail ris na riaghailtean-litreachaidh traidiseanta a bhuineas ris na
connragan "d","t", agus "s" nuair a bhios faclan air iasad
bhon
Ghreugais, bhon Laidinn, agus bhon Bheurla fo cheist. Chìthear
seo ma ghabhas sinn sgrìob tron fhaclair "Teach Yourself".
Tachraidh sinn air briseadh riaghailtean (mar gum biodh) ann an eisimpleirean mar "deamocrasaidh", "deic",
"deit"
("date"
ann am Beurla!), "deucon", "poilitigeach", "rèidio",
"seantans", "sinc", "siolandair", "teicnigeach", "teileasgop",
"telebhisean", "tì"
(an
deoch), "ticead/tiogaid", "tidsear", agus "tìgear". Cha ghabh na faclan
ud an sgrìobhadh idir a rèir riaghailtean traidiseanta na
Gàidhlig.
Tha duilgheadas dha-rìribh againn mar an ceudna
le faclan feallsanachail. Gabh mar eisimpleir, "thesis", "antithesis"
agus "synthesis".
Dè an t-eadar-theangachadh agus dè an litreachadh as
iomchaidh?
Tha e air leth doirbh riaghailtean na Gàidhlig a leantainn an
seo. Rinn mi m' oidhirp fhìn air, ach tha mi ag aithneachadh gu
bheil a' chùis fo cheist fhathast. Bha sùil gu mòr
agam air sàr-obair Iain Mhic Gilleathain na
eadar-theangachadh "Odusseia Homair" (Gairm,
1976).
Is e an cleachdadh aige a bhith tar-litreachadh "Y" sa Ghreugais le "U" sa Ghàidhlig. Tha sin a'
toirt dhuinn eisimpleirean mar "Odusseus"
airson "Odysseus", "Calupso"
airson "Calypso", "Olumpos"
airson "Olympos", "Poluphemos"
airson Polyphemos", "Cuclòpach"
airson "Cyclops", "Stucs" airson
"Styx" etc. A' leantainn air an t-seòl seo, thàinig mi an
àirde le "hupòtasas" airson
"hypothesis", agus "suntasas"
airson "synthesis". Is e prìomh-bhuannachd nam faclan seo
gun gabh an leudachach gu furasda, mar eisimpleir "hupòtasaich", "suntasaich" ("hypothesize",
synthesize"), "hupòtasach" (hypothetical")
etc. Cha robh mi cho cinnteach idir asam fhèin a thaobh "antasas" ("antithesis") no gu
h-àraid a thaobh dè a dhèanainn le "thesis". Cha robh mi
cofhurtail le "tasas", agus air a' cheann thall roghnaich mi "buntasas". Thug sin dhomh sreath
de fhaclan a bha (nam bheachdsa fhìn!) sìmplidh agus snog
agus sùbailte: "buntasas",
"antasas", "suntasas","hupòtasas". Is e
tha dhìth oirnn
ach mòr-fhaclair oifigeil "acadamhach" gus cuideachadh a
thoirt dhuinn ann an cùisean casta mar seo. Chan eil a leithid
air fàire fhathast , cho
fad's a chì mise co-dhiù. Tha fadachd orm a' feitheamh. Ach tha am Faclair ùr "Teach
Yourself " feumail, gun teagamh.
Is e rud a churas dragh mòr orm a-thaobh litreachadh na
Gàidhlig, na h-uimhir de litrichean sàmhach a dh'fheumas
sinn sgrìobhadh. An lùib a' chleachdaidh seo tha faclan
gu tric nas fhaide na dh'fheumas iad a bhith (nam bheachdsa), agus nas
doirbh a leughadh. A bharrachd air seo, ar leam gu bheil claonadh ann,
nuair a tha facal ùr ga "chùinneadh", a bhith gabhail ri
briathar fada ged a bha (is dòcha) cruth nas cruinne ri
làimh. Ann am Faclair "Teach Yourself", bha mi
toilichte fhaicinn nach robh "th" gun
fhuaim gun fheum aig deireadh an
fhacail "sgì" (Beurla
"ski"). Dh'fhaodadh e bhith gu robh an
giorrad sona seo ann dìreach gus co-ionannas ris an fhacal
"sgìth"
(= "claoidhte") a sheachnadh. Ach tha seo a' dearbhadh nach eil "th" aig deireadh facail cho
riatanach sin! Agus mur eil e riatanach sa chùis seo, carson a
bheil e riatanach ann an àite sam bith, ach air sgàth
traidisein? A-thaobh facail dhualchasaich, is dòcha gu robh uair
ann a bha "t" no "d" air earball, gus an deach na fuaimean cruaidhe sin
a shèimheachadh (le "h"). Ach ma tha facal ùr fo cheist -
"deamocrasaidh", can, chan eil
eachdraidh sam bith aig a' bhriathar a tha seo sa Ghàidhlig. Tha
sinn a nis a' cleachdadh nan litrichean
"aidh" ann an dòigh "neo-riaghailteach" (= "arbitrary" a rèir Faclair
TY!) gus fuaim sìmplidh ("sìmpli") a chur an
cèill, is e sin am
fuaim "i"! Ach ma ghabhas
sinn am facal beag ud "tì"
air na thachair sinn shuas, agus ma churas sinn "aidh" an àite "ì" (is e sin,"taidh"), nach neònach
dha-rìribh e gum bi e nis a' dèanamh comhardadh ri fuaim
"tie" no "pie" ann am Beurla (faic, mar
eisimpleir, am facal grànda ud "baidhsagal"
- "rèisichean mhotar-bhaidhseagalan". Abair cainnt
chruinn!).
Mar sin, gabhaidh
"deamocrasaidh" fhuaimneachadh
a cheart cho math mar "democrasAYE!
"(Sluagh-ghairm math airson luchd-Beurla na h-Alba, nach e?). Agus ma
nì sinn oidhirp am facal "idea"
a litreachadh a rèir riaghailtean nam faclairean ùra,
dè bhios againn? - "aidhdaidhea",
is dòcha? Ach tha an fhuaimreag dheireannach "a" ud a' coimhead cho aonaranach,
nach eil? Saoil nach bu chòir "dh"
a chur as a dèidh (mar a nì cuid le "Ameireagaidh"? - Agus, san dol
seachad, saoil a bheil "deamocrasaidh"
ann an "Ameireagaidh"
fhathast?). Mar sin, a bheil an litreachadh as iomchaidh sa
Ghàidhlig airson "idea", "aidhdaidheadh"?
Neo an e dearg "iodaidheasaidh"
a tha sin? Mo thruaighe dha na sgoilearan òga Gàidhlig
aig a bheil "diosleacsaidheadh"!
Tha bàta beag Sheumais a' dol fodha ann an cuan de litrichean
gun fheum, agus tha an cala(dh)
air chall ann an ceò.
Ma tha "th" no "dh" a-dhìth air deireadh"tì" agus "ìbhri", tha faclan beaga
dualchasach ann mar "bi", "ri' etc, gun luaidh air ainmean
mar
"Màiri", as an aonais cuideachd. Ged a tha an
stoidhle-litreachaidh stèite a-nis, tha "deamocrasaidh" a' briseadh riaghailt cheana
aig a thoiseach leis an "de" a
tha siod. Carson nach briseamaid "riaghailt" aig ceann eile an fhacail
air sgàth sìmplidheachd (sìmpliachd"? sìmpliac"? - Ah! Tha
diochuimhne ort air "mac", "bac", "sac", agus "cac", nach eil?) Dh'fhàsadh
ar
sùilean cleachte ri "deamocrasi",
"poileasi" etc gun strì, saoilidh
mi. Agus mar a tha deagh fhios againn,
"an nìth
ath chìth nath big,
nìth nath big"...
Ach a' tilleadh dhan fhacal "aesthetics"
a bha siod. Dè
dha-rìribh a nì sinn le facal Beurla mar seo ma tha sinn
airson
dreach Gàidhlig a chur air? Dè an litreachadh as
fheàrr? Chan eil am facal fhèin anns an
fhaclair "Teach
Yourself" , ach gheibhear còig modailean na
bhroinn a dh'fhaodas
a bhith nan
cuideachadh dhuinn, gu ìre
co-dhiù. Is e sin,
"poileataigs"/ "poilitigs" le "s" deireannach, agus
"matamataig", "fiosaig"(= "physics") agus "daineamaig" (= "dynamics"), uile
gun "s"
deireannach. Bheireadh
seo
dhuinn cruthan mar "aesteataigs",
"aestetigs", no "aestetig". Ach
chan eil "ae" ann an
Gàidhlig na h-Alba (ged a thig dham chuimhne na faclan
aonaranach
ud "gasaet" agus "casaet"). Is dòcha
gu
bheil e nas ciallmhor dhuinn, ma-tà, a bhith toirt
sùil air litreachadh Beurla Ameireaganach seach Sasannach sa chùis
seo(!) - is e sin
"esthetics". Mar sin is e "estètig" am facal
Gàidhlig as
giorra a gheibh sinn. Ach chan eil sin a'
coimhead ceart, canaidh cuid. Mar fhreagairt,
chanainnsa nach eil dà "t"
an fhacail "estètig" diofraichte bhon "t" san fhacal
"poilitigeach", no anns an
t-sreath de fhaclan ùra eile a leugh
sinn shuas ("deit", "teigniceach" etc). A bheil? Ach, is
dòcha gur e deagh Ghaidheal a th'
annad
a dh'fhàsas mi-fhoisneach mur eil dlùth-choille de
litrichean air do bheulaibh! Is dòcha gur ann coltach
ri
Bàta Nòah a tha a' chùis dhutsa - cha
mhòr nach fheum a-dhà dhen a h-uile seòrsa a bhith
ann (agus seachd de corra ghnè!) - caol ri caol agus leathan ri
leathan - fuaimreagan
dùbailte agus connragan dùbailte - ged nach eil aig
a' mhorchuid dhe na connragan dubailte ud càil a
ràdh dhaib fhèin idir. Is dòcha gum biodh tu fada nas cofhurtaile le "eastèataigs" (dèan
coimeas air "steatasgop" airson "stethoscope" ann
am
faclair TY).
No fiù "easteataigeachd".
Siod againn facal a riarachadh am "piùrist"! (Agus dh'fhaodadh
faclan taiceil mar "neo-easteataigeachdail"
a bhith againn (= "unaesthetical")! Ach
dè mu
dhèidhinn "co-rèiteachadh"
a dhèanamh? ("co-rèiteachadh"
= "compromise", a
rèir faclair TY. Bha an cruth "co-rèite"
ro ghoirid, tha mi 'n dùil). Co-dhiù no co-dheth, bhiodh "eastètig"
na cho-rèiteachadh eadar "estètig" agus "easteataig". Agus dè mu
dhèidhinn co-rèiteachadh eile? - faodaidh
Gàidheil a tha fuireach ann
am Breatainn "eastètig" a
sgrìobhadh, agus
Gàidheil a tha fuireach ann an Ameireaga "estètig" a
sgrìobhadh. Bhon a thogadh mi-fhìn ann an Canada bi cead
agam mar seo "estètig" a
chleachdadh. Gus an dèan am
poileas-litreachaidh gnogadh sgairteil air mo dhoras (leth-bhodhar 's a tha mi fàs) madainn air
choireigin aig leth uair as dèidh ceithir -
"GNOG!
GNOG!
"CÒ TH'ANN?"
"GOC!"
"GOC CÒ?"
"GOC AGUS
MAGOC!"
"DOG AGUS MAD DOG?"
"COP MATH 'S COP DONA!"
"COPACABANA?
THA SIBH AIR AN T-SRÀID CHEÀRR!"
"GOC AGUS GOC A-DHÀ!"
Bhriseadh an doras.
Bhriseadh an gleoc. Le beòil fo chop
nochd GOC 's an dara GOC.
Sgleog no dhà. Slacan air claigeann, agus sùilean fo
sgleò. GOC a' gleac rium air an làr 's gam chur fo
smachd. GOC A-DHÀ a' glacadh m' Apple Mac bochd 's ga thogail na
uchd.
"Thugainn,
ma-thà!"
"Ach dè rinn mi?"
"Bhris
thu na riaghailtean, a bhalaich! Bhris thu na riaghailtean
neo-riaghailteach!
Rinn thu
t'fhaclan ro ghoirid, a pheasain! Tha cuid dhiubh a tha fada
FADA ro ghoirid!
Tha thu air do litir mu dheireadh a dhubhadh
às a-nise!
Tha mi'n dùil gun toir am britheamh dhut, mar a chanas iad sa
Bheurla, 'a long sentence'!
Agus is math an airidh! "
**********
EIPEALOG
Agus facal dhutsa a tha nad
Chrìosdaidh. An tàinig e
a-steach ort riamh gum bu chòir dhut ùrnaigh a
dhèanamh ach am bi na faclan agus an litreachadh as iomchaidh air
an cleachdadh airson na Gàidhlig? Ciamar a ghabhas an
fhìrinn a chur an cèill gu soilleir ma tha briathrachas
agus litreachadh ar
cànan easbhaidheach, mi-phongail, no dùmhail mar
ghàrradh air dìochuimhne? "Cia maiseach air na slèibhtean
casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe;
teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach
slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as
rìgh ann!" (Isaiah52:7). Is sgiamhach na casan do
bhrìgh gur maiseach an Fhìrinn. Agus mas maiseach an
Fhìrinn, nach sgiamhach mar an ceudna an cànan a churas an
cèill an Fhìrinn? Agus mur eil sinn fo bhuaidh
Gnòstachais, tuigidh sinn gur ann leis an Rìgh a tha a'
Ghàidhlig cuideachd. Agus gu bheil sinn nar stiùbhardan air a'
chànan seo as leth an Rìgh.
"Mo
labrad,
rop
tú molas cen mannrad:
a Athair
cacha baíde,
cluin mo
laíde is mo labrad." (Gun
urra, 12mh linn)
(Mo labhradh,
gum mol e Thu gun amaladh:
a Athair gach bàidhe,
cluinn mo laoidh is mo labhradh.)